Ìosaigh
Ìosaigh | |
Ìosaigh, na h-Eileanan Siar air a cùlaibh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Innis-mhuir | An t-Eilean Sgitheanach |
Co-chomharran | 57° 31′ 0″ T 6° 39′ 0″ I |
Feartan fiosaigeach |
'S e eilean san àird an iar thuath an Eilein Sgitheanaich a tha ann an Ìosaigh (IPA: [ˈiəs̪aj], Beurla: Isay). Tha e suidhichte ann an Loch Dhùn Bheagain agus tha e na phàirt de na h-Eileanan a-staigh. Tha e cho farsaing ri 60 heactair, agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 28 m (92 troigh). Thàinig an t-ainm Ìosaigh bhon fhacal Seann Lochlannais "ise-øy" a tha a’ ciallachadh "Eilean eighe.[1] Anns an 19mh linn bha timcheall air 90 duine a’ fuireach anns an eilean. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a h-uile duine an eilean fhàgail airson Ìosaigh a chur fo chaoraich. Anns na 1980an bha an t-eilean aig an neach-ciùil Donovan. An-diugh chan eil daoine sam bith a’ fuireach ann. Còmhla ris na h-Eileanan Ascrib agus Loch Dhùn Bheagain 's e ionad sònraichte gléidhteachais a th' annta. [2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/pdfs/placenamesF-J.pdf Iain Mac an Tàilleir], "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Scottish Natural Heritage - Ascrib Isay and Dunvegan Special Area of Conservation
Tuilleadh leughaidh
deasaich- Haswell-Smith, Hamish (2004): The Scottish Islands. Canongate, Dùn Èideann. ISBN 1841954543.
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |