Sòdhaigh
Cleachdaidhean eile aig Sodhaigh (soilleireachadh)
'S e aon de na h-eileanan anns na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Sòdhaigh. Thàinig an t-ainm aige bhon fhacal Seann Lochlannais so-øy, a tha a’ ciallachadh “Eilean nan caoraich”.
Cruinn-eòlasDeasaich
Tha Sòdhaigh suidhichte dìreach san àird a deas an Eilean Sgitheanach, an t-eilean as motha de na h-Eileanan a-staigh. Tha an Soay Sound eadar an Eilean Sgitheanach agus Sòdhaigh. Tha Rùm san àird a deas dheth. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 9' 0" Tuath is 6° 13' 48" Iar
Tha Sòdhaigh cho farsaing ri 10,4 cilemeatair ceàrnagach. Le 141 meatair a dh’àrd, 's e Beinn Bhreac a’ bheinn as motha a tha air an eilean. San àird a tuath tha Arcasaidh Sòdhaigh agus san àird a deas tha Camas nan Gall ann. 'S e Mol-chlach faisg air cladach Camas nan Gall an clachan as motha, sa’ bhliadhna 2001 bha 7 daoine a’ fuireach ann. [1].
EachdraidhDeasaich
'Sa bhliadhna 1851 bha 158 de shluagh ann. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a-uile duine an eilean fhagail airson Sòdhaigh a chur fo chaoraich.[2]
Ann an 1946 cheannaich an sgrìobhadair Gavin Maxwell an t-eilean agus chuir e factoraidh air bhonn airson òla a dhèanamh à cearbanan mòra (Laideann: Cetorhinus maximus). Ach an dèidh trì bliadhnaichean b’fheudar dha am factoraidh a dhùnadh.[3]Gus na làithean an-diugh chan eil mòran cearbanan air fhagail timcheall air Sòdhaigh.
Ann an 1953 dh’imrich an cuid as motha de mhuinntir an àite a Mhuile. Bhon àm sin chan eil mòran dhaoine a’ fuireach ann.
B’ ann ann an Sòdhaigh a bha a’ ciad siostam fòn air feadh an t-saoghail a bha ag obrachadh le cumhachd na greine.
StampaicheanDeasaich
Eadar 1965 is 1967 chaidh stampaichean air foillseachadh ann an Sòdhaigh. Bha iad a’ sealltainn ìomhaighean na h-Eòrpa. Bha cuid a' sealltainn Winston Churchill cuideachd. Ged a bha an fheadhainn seo foillsichte gun chead, tha cruinnichean-stampaichean gan iarraidh fhathast. [4]
GiùlanDeasaich
LeabhraicheanDeasaich
- Laurance Reed: (): The Soay of our Forefathers. ISBN 1-84158-229-8.
(Beurla)
- Gavin Maxwell: Harpoon at a Venture, House of Lochar, 1998; ISBN 978-1899863464
IomraidheanDeasaich
- ↑ islands-of-scotland
- ↑ Perrott, David (1988): Guide to the Western Islands of Scotland. Edinburgh: Kittiwake. ISBN 0702808865.
- ↑ “Soay Overview”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 22mh dhen Iuchar 2007.
- ↑ “Modern British Local Posts CD Catalogue, 2009 Edition”. Phillips. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2008.
Ceanglaichean a-machDeasaich
- Fiosrachadh mu Shòdhaigh (Beurla)
- Fiosrachadh mu Shòdhaigh
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 443 145