Bùth
Is e a tha ann am bùth ionad far am bith ceannaiche a reic a bhathair ri luchd cleachdaidh a tha gan iarraidh a shàsaich na feuman aca fhèin. Tuigear gur e neach-malairt a tha anns an ceannaiche. Bithidh esan a' cosnadh a bheòshlaint eadar ceannaich agus reic. Bithidh esan a' ceannaich bathair "anns an tomad", aig prìs saor. Bithidh esan a reic gach aonad de bathar aig prìs daor. Their sinn "ràth" ris an difir eadar cosgais an ceannaich agus prìs an reic. Is e a tha ann am bathar-bhòrd, bòrd fada a tha sìnte thar an ùrlar, eadar doras a' bheulaibh agus na bathair as luachmhor a tha air an cumail air sgeilpichean aig cùlaibh a' bhùth. Canar neach-bùtha ri cudeigin a tha a' cumail agus a' ruith bùtha.