Pàrtaidh Spùinneadairean na RA
Pàrtaidh Spùinneadairean na RA | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 30 dhen Iuchar 2009[1] |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Saoirse na cainnte, Prìobhaideachd Ath-leasachadh nan còraichean lethbhreac 's nam peutantan |
Oifisean | Stèidhichte air an eadar-lìon |
Cathraiche | Laurence Kaye |
Suidheachain | Chan eil gin |
Riaghaltas | Taobh a-muigh an Riaghaltais |
Làrach-lìn | www.pirateparty.org.uk |
Tha Pàrtaidh Spùinneadairean na RA (no cuideachd Pàrtaidh nan Spùinneadairean, (Beurla:Pirate Party UK (PPUK, Cuimris:Plaid Môr-leidr DU 'na phàrtaidh poileataigeach san Rìoghachd Aonaichte.[2] Tha prìomh amasan a' phàrtaidh a' gabhail a-steach ath-leasachadh nan còraichean lethbhreac 's nam peutantan, taic do phrìobhaideachd, nas lugha de choimheadachd on riaghaltas agus o ghnothachas agus làn-taic do shaoirse na cainnte airson a h-uile duine.[3][4]
Ghabh am pàrtaidh pàirt ann an taghadh ann an 2010 a' chiad turas is 9 tagraichean aige san taghadh choitcheann ann an 2010. Chaidh ceannard làithreach a' phàrtaidh, Andrew Robinson, a thaghadh ro stèidheachadh a' phàrtaidh agus chaidh a dhearbhadh mar cheannard le buill a' phàrtaidh ann an 2010.
Eachdraidh
deasaichDh'fhàs ùidh ann am Pàrtaidh nan Spùinneadairean air feadh an t-saoghail ri linn cùis-lagha Pirate Bay. 'S e Spùinneadairean na Suaine, an t-àite às an robh Pirate Bay, a choisinn a' chiad bhall pàrlamaid ann an 2009 san taghadh dhan Phàrlamaid Eòrpach. 'S ann sa Ghearmailt agus san Fhraing a thug daoine ùidh ann gu h-àraidh agus chaidh ballrachd sa phàrtaidh am meud. Chaidh Pàrtaidh Spùinneadairean na RA a stèidheachadh mar phàrtaidh greiseag an dèidh an taghaidh dhan Phàrlamaid Eòrpach.[5][6] agus chaidh a chlàradh gu oifigeach an 30mh dhen Iuchar 2009.[2][7][8]
Leig Andrew Robinson dheth a dhreuchd bliadhna an dèidh sin[9] agus chaidh an sgrìobhaiche-ciùil 's òraidiche Laurence "Loz" Kaye a thaghadh 'na àite 26 dhen t-Sultain 2010[10]
Prìomh phoileasaidhean
deasaichTha trì prìomh phoileasaidhean aig Pàrtaidh Spùinneadairean na RA[3]
- Crìoch a chur air ana-mheud de choimheadas, pròifileadh is lorgachadh de dhaoine leis an riaghaltas agus gnothachasan mòra.
- Dèanamh cinnteach gu bheil làn-saoirse na cainnte aig gach duine agus gu bheil fìor shaoirse aca pàirt is tlachd a ghabhail ann an co-chultar mac an duine.
- Ath-leasachadh nan còraichean-lethbhreac 's nam peutantan gus cead a thoirt do cho-roinneadh fhaidhlichean neo-mhalairteach agus faid nan còraichean-lethbhreac a tha ro fhada a dhèanamh nas giorra agus dèanamh cinnteach nach dèid peutantan a chleachdadh gus casg a chur air tionnsgalachd no a chum prìsean a stiùireadh.
Chaidh iomadh moladh eile a chur air fòraman a' phàrtaidh nuair a bha e 'ga chruthachadh, leithid ath-leasachadh rian nan taghaidhean, cead a thoirt do chainb agus ath-leasachadh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. Chuir am pàrtaidh an cèill gu soilleir gu bheil e a' cur fòcas air na trì prìomh phoileasaidhean aige a dh'aindeoin nam beachdan sin.[11]
An Taghadh Coitcheann 2010
deasaichSheas naoinear airson a' phàrtaidh san Taghadh Choitcheann ann an 2010 agus fuair e 1,340 bhòt, 's e sin mu 0.34% de dh'iomlan nam bhòtaichean sna roinnean far an robh tagraichean a' seasamh airson a' phàrtaidh.[12][13]
Tagraiche | Roinn-taghaidh | Bhòtaichean |
---|---|---|
Andrew Robinson | Worcester | 173[14] |
Graeme Lambert | Bury North | 131[15] |
Alexander van Terheyden | Bethnal Green and Bow | 213[16] |
Tim Dobson | Manchester, Gorton | 236[17] |
Luke Leighton | South West Surrey | 94[18] |
Shaun Dyer | Leicester West | 113[19] |
Finlay Archibald | Meadhan Ghlaschu | 120[20] |
David Geraghty | Derby North | 170[21] |
Jack Nunn | Cathraichean Lunnainn is Westminster | 90[22] |
Chaill gach tagraiche an cuid taisg agus 's ann am Manchester Gorton a fhuair am pàrtaidh an toradh a b' fhearr le 0.62%.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Pirate Party UK now registered
- ↑ 2.0 2.1 Coimisean nan Taghaidhean
- ↑ 3.0 3.1 Làrach-lìn Pàrtaidh Spùinneadairean na RA
- ↑ Q&A: Why the UK needs the Pirate Party
- ↑ Pirate Party wins European Parliament seat
- ↑ Bay fans get voice on copyright issues
- ↑ Pirate Party launches UK poll bid
- ↑ Pirate Party UK sets sail
- ↑ The Pirate Party UK, One Year On
- ↑ Loz Kaye elected leader of UK Pirate Party
- ↑ https://web.archive.org/web/20100414175856/http://www.pirateparty.org.uk/blog/2009/aug/14/our-core-beliefs/
- ↑ Everything starts somewhere
- ↑ Pirate Party celebrates 1,340-vote election result
- ↑ Election 2010, Worcester, BBC
- ↑ Election 2010, Bury North, BBC
- ↑ Election 2010, Bethnal Green & Bow, BBC
- ↑ Election 2010, Manchester Gorton, BBC
- ↑ Election 2010, Surrey South West, BBC
- ↑ Election 2010, Leicester West, BBC
- ↑ Election 2010, Glasgow Central, BBC
- ↑ Election 2010, Derby North, BBC
- ↑ Election 2010, Cities Of London & Westminster, BBC