'S e sreath de dh’òraidean bhliadhnail a tha ann an Òraid an t-Sabhail, air an cur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig. Mar as trice tha iad a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig fhéin anns an Eilean Sgitheanach, ach uaireannan tha iad ann an àite eil.

Tha Òraid an t-Sabhail air a bhith leantainn bho 1990 nuair a thug an Dr Seumas Mac an t-Sealgair seachad a’ chiad òraid. Bhon uair sin, tha leithid Máire Mhic Róibín, Ceann-Suidhe Poblachd na h-Èireann, Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Gordon Brown BP, a bha na Sheansalair aig an àm, agus Seac MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba air an òraid a thoirt seachad.

Bliadhna Òraidiche
1990 Dr Seumas Mac an t-Sealgair, sgrìobhadair, eòlaiche eachdraidh is rannsachaidh
1991 Am Morair Gus MacDhòmhnaill, Ministear ann an Oifis na h-Alba agus Roinn na Malairt is Gniomhachais
1992 John Goodlad, Rùnaire Chomainn Iasgairean Shealtainn
1993 An Dr Ùna NicGillEathain, lighiche agus neach-rannsachaidh slàinte sna coimhearsnachdan
1994 An Dr Iain Mac an Sporain, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-ciùil agus neach-rannsachaidh ciùil
1995 Alastair Moffat, sgrìobhadair agus stiùiriche STV
1996 Donaidh Rothach, neach-ciùil, neach-ealain agus Reachdadair ann an Oilthigh Dhùn Èideann is Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna
1997 An Ceann-suidhe Máire Mhic Róibín, Ceann-suidhe Phoblachd na h-Éireann
1998 Calum Dòmhnallach BP, Ministear Oifis na h-Alba
Éamon Ó Cuív TD, Ministear na Gaeltachta an Éirinn
1999 Gordon Brown BP, An Seansalair
2000 Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba
2002 An t-Àrd-Oll. Mícheal Ó Súilleabháin, neach-ciùil, sgrìobhadair, agus stiùiriche Ionad Ceòl an t-Saoghail ann an Éirinn, Ollscoil Luimnigh
2004 Seac MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba
2005 An t-Àrd-Oll. C. Duncan Rice, Ceannard agus Iar-seansalair Oilthigh Obar Dheathain
2007 Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba
2009 Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha
2010 Andra Dixon, Àrd-oifigear, Alba Chruthachail
2012 Coinneach MacGuaire, Stiùiriche, BBC Alba
2014 Rita Izsák, Rapporteur Sònraichte air Còraichean Mhion-threubhan, Comhairle nan Còraichean Daonna
2015 Nicola Sturgeon BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba
2017 Julie Fowlis, seinneadair[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. Julie Fowlis a' beachdachadh air cànan, ceòl agus cruth na tìre ann an Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.