Ailig Neil
neach-poileataigs à Alba
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Ailig Neil BPA (Beurla: Alex Neil).
Rugadh e ann an 1951. Bha e na oileanach aig Oilthigh Dhùn Dè far an do dh'ionnsaich e eaconomachd. Dh'obair e mar stiùiriche mus do thaghadh e mar bhall-liosta airson Meadhan na h-Alba ann an 1999. Thaghadh e mar BhPA airson An t-Àrd Ruigh agus Shotts ann an 2011. Chaidh e na bhall caibineit ann an 2011 agus bha e na Rùnaire a' Chaibineit airson Ceartais Shòisealta, Coimhearsnachdan agus Còraichean nam Peinnseanair gu ruige an Taghadh Albannach 2016.[1] Tha e na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[2]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- They Work for You: Alex Neil MSP, Airdrie and Shotts
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Neil, Alex”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2016.
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Meadhain na h-Alba
Buill sgìreil | Neil Gray (An t-Àrd Ruigh agus Shotts) • Collette Stevenson (Cille Bhrìghde an Ear) • Fulton MacGregor (Coatbridge agus Chryston) • Jamie Hepburn (Comar nan Allt agus Cill Saidh) • Michelle Thomson (An Eaglais Bhreac an Ear) • Mìcheil MacMhathain (An Eaglais Bhreac an Iar) • Christina McKelvie (Hamilton, Taigh na h-Uiseig agus an Taigh Cloiche) • Clare Adamson (Tobar na Màthar agus Wishaw) • Stephanie Callaghan (Uddingston agus Bellshill) |
Buill liosta | Meghan Gallacher • Mark Griffin • Stephen Kerr • Monica Lennon • Richard Leonard • Gillian Mackay • Graham Simpson |