Innis Choinnich
'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Innis Choinnich (Beurla: Inch Kenneth). Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba, san ear air còrsa Mhuile agus air àird an earra-dheas Ulva. 'S e seo na Co-chomharran aige: 56° 26′ 30.16″ Tuath is 6° 9′ 47.41″ Iar.
Tha Innis Choinnich mu 55 heactair ceàrnagach de mheud. Tha an t-àite as àirde 49 meatair (161 troigh) os cionn na mara.
Ged a bha 13 daoine a’ fuireach anns an eilean ann am 1961, chan eil duine sam bith a’ fuireach ann an diugh. [1]
Bha an eilean aig Sir Harold Boulton, am fear a sgrìobh na faclan airson an òrain “Skye Boat Song”.
Thàinig ainm an eilean bho Naomh Cainnech of Aghaboe,[2] manach agus co-aoiseach Calum Cille. Chaidh manachainn a thogail an seo le Cainneach, tha na ballaichean briste rim fhaicinn fhathast.
Iomradh
deasaich- ↑ Haswell-Smith, Hamish,(2008) The Scottish Islands, Dùn Eideann, Canongate; duilleag 96
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 64, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 436 356