'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Mullach Coire Mhic Fhearchair. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe. Tha e 1019m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e clach-ghràin a tha a' dèanamh na beinne seo, agus chithear coltas geal na beinne gu soilleir air a' mhullach.

Mullach Coire Mhic Fhearchair

Mullach Coire Mhic Fhearchair tro Bhealach Odhar
Àirde (m) 1,019
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Mullach Coire Mhic Fhearchair is located in Alba
Mullach Coire Mhic Fhearchair
Mullach Coire Mhic Fhearchair (Alba)
Suidheachadh Achadh an Iasgair
Mapa cumadh-tìre Landranger 19
Explorer 435
Comharradh-clèithe NH735053

Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. Mar as trice bithear ga cheangal le Beinn a' Chlaidheimh agus Sgùrr Bàn. Dh'fhaodadh a ceangal le Beinn Tarsuinn no fiù 's leis na beanntan air taobh eile a' Ghlinne riutha, A' Mhaighdean agus Ruadh Stac Mòr, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1]. Dh'fhaodadh cuideachd dèanamh air a' bheinn seo bho Cheann Loch Iù.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Achadh an Iasgair, An Teallach, Slioch, Loch Ma Ruibhe agus Na Fanaichean.


Iomraidhean

deasaich
  1. Na Fisherfield Six air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: