Slioch
'S e beinn ann an Leitir Iù air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Slioch. Tha diofar bheachdan ann a thaobh dè tha an t-ainm a' ciallachadh. Dh'fhaodadh gu bheil e a' tighinn bhon fhacal Ghàidhlig Sleagh, oir tha Coire na Sleaghaich dhan ear dheth. Ge-tà, sgrìobh ministear Poll Iù anns na 1830an gur e Sliabhach an t-ainm air a' bheinn. 'S e seann fhacal airson beinn a th' ann an sliabh agus dh'fhaodadh gun tàinig sin dhan sgìre le Maol Rubha anns an 7mh linn. Dh'fhaodadh e cuideachd tighinn bho Sleaghach a tha a' ciallachadh gur e beinn coltach ri sleagh a th' ann, mar a thuirt daoine ionadail aig toiseach na 20mh linn[1].
Slioch | |
---|---|
Slioch agus Loch Ma-ruibhe | |
Àirde (m) | 981 |
Àirde (tr) | 3,218 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Leitir Iù |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 19 |
Comharradh-clèithe | NH00456908 |
Tha Slioch 981m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.
Leis gu bheil a' bheinn air taobh tuath Loch Ma-ruibhe, feumar coiseachd fada gus faighinn thuice. Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho rathad beag faisg air Ceann Loch Iù, agus bithear a' coiseachd air bruthaichean a tuath an locha mus fàgar iad aig Abhainn an Fhasgaidh. [2].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Loch Ma-ruibhe, beanntan Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, Na Fanaichean agus air an Eilean Sgitheanach.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991: Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust, d. 129-30.
- ↑ Slioch air Walkhighlands