'S e sgìre mòintich iomallach air Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Achadh an Iasgair. Tha e suidhichte eadar Loch Ma-ruibhe agus Loch Bhraoin. Chan eil duine sam bith a' fuireach ann, ach thèid daoine ann airson coiseachd sna beanntan.

Gleann na Muice

'S e oighreachd seilg a th' ann sa phrìomh àite, agus 's ann le oighreachd Dhùn Dòmhnaill a th' anns na 134km2 san iar-thuath, 's ann le Oighreachd Eilean Darach a tha an 262km2 san Ear-thuath agus 's ann le Oighreachd Leitir Iù a tha na 323km2 san deas.

Achadh an Iasgair bho Shàil Liath, An Teallach

Tha sia beanntan ann ris an canar sa Bheurla The Fisherfield Six. Beinn a' Chlaidheimh, Sgùrr Bàn agus Mullach Coire Mhic Fhearchair air taobh an ear Gleann na Muice, agus a' Mhaighdean, agus Ruadh Stac Mòr air taobh an iar dheth. Aig ceann a' ghlinne tha Beinn Tarsuinn. B' àbhaist dhaibh uile a bhith nam Beanntan Rothaich, Chaidh an inbhe sin a thoirt air falbh bho Bheinn a' Chlaidheimh ann an 2012[1]. Chaidh a mheasadh a-rithist mar 913.96m, an àite 914.4m mar bu chòir. Bidh cuid de dhaoine a' streap nam beann seo uile còmhla ann an aon latha. Tha bothan aig Loch na Sealga air cùlaibh An Teallaich.

Chìthear Achadh an Iasgair bho mhullach Slioch agus air astar bho na Fanaichean.

Iomraidhean

deasaich
  1. Call inbhe Beinn Rothaich air Walkhighlands