Sgùrr Bàn
'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Bàn. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe. Tha e 989m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e clach-ghràin a tha a' dèanamh na beinne seo, agus chithear coltas geal na beinne gu soilleir air a' mhullach.
Sgùrr Bàn | |
---|---|
Mullach Sgùrr Bàin | |
Àirde (m) | 989 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Achadh an Iasgair |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 19 Explorer 435 |
Comharradh-clèithe | NH055746 |
Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. Mar as trice bithear ga cheangal le Beinn a' Chlaidheimh, ach dh'fhaodadh cuideachd dol suas aig Allt Loch a' Bhrisidh eadar an dà bheinn. Dh'fhaodadh a ceangal leis na Beanntan Rothaich eile, Mullach Coire Mhic Fhearchair agus Beinn Tarsuinn. Bidh cuid a' ceangal nam beann air taobh eile a' Ghlinne riutha, A' Mhaighdean agus Ruadh Stac Mòr, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Achadh an Iasgair, An Teallach agus Na Fanaichean.