'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Tarsuinn. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe san iar-thuath os cionn an Lochan Fada. Tha e 937m de dh'àirde, 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha Beinn Tarsuinn eile anns an Eilean Arainn agus Beinn Tharsuinn eadar Loch Monar agus Achadh na Seileach.

Beinn Tarsuinn

Beinn Tarsuinn air an taobh dheis agus Mullach Coire Mhic Fhearchair (taobh chlì)
Àirde (m) 937
Àirde (tr) 3074
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Tarsuinn is located in Alba
Beinn Tarsuinn
Beinn Tarsuinn (Alba)
Suidheachadh Achadh an Iasgair
Mapa cumadh-tìre Landranger 19
Explorer 435
Comharradh-clèithe NH03947278

'S e Clach-ghainmhich Thoirbheartanach a tha a' dèanamh na beinne seo agus chithear na breathan ruadha gu soilleir air a' mhullach. A bharrachd air sin tha àrd-chlàr de 200m de dh'fhaid anns an iar-thuath den mhullach.

Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. Mar as trice bithear ga cheangal le Beinn a' Chlaidheimh, Sgùrr Bàn agus Mullach Coire Mhic Fhearchair. Dh'fhaodadh a ceangal fiù 's leis na beanntan air taobh eile a' ghlinne, A' Mhaighdean agus Ruadh Stac Mòr, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1]. Dh'fhaodadh cuideachd dèanamh air a' bheinn seo bho Cheann Loch Iù.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth Achadh an Iasgair, Slioch, Loch Ma Ruibhe, An Teallach agus Na Fanaichean.


Iomraidhean

deasaich
  1. Na Fisherfield Six air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Beanntan Rothaich