'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns A' Mhaighdinn. Tha i suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe faisg air Fionn Loch agus Lochan Fada. Tha e 967m de dh'àirde, 's e Beinn Rothaich a th' ann.

A' Mhaighdean

A' Mhaighdean (taobh chlì) agus Ruadh Stac Mòr taobh dheas bho Bheinn Tarsuinn
Àirde (m) 967
Àirde (tr) 3,172
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
A' Mhaighdean is located in Alba
A' Mhaighdean
A' Mhaighdean (Alba)
Suidheachadh Achadh an Iasgair
Mapa cumadh-tìre Landranger 19
Explorer 435
Comharradh-clèithe NH00787489

Tha druim fada aig a' bheinn a' dìreadh bho Phollan na Muice, am bealach eadar Beinn Tarsuinn agus a' Mhaighdean. Tha dà mhullach aice agus 's e am fear nas fhaide deas am fear nas àirde agus nas caoile.

Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh toiseach an latha a bhith doirbh le faighinn thairis air an abhainn faisg air a' bhothan. Mar as trice bithear ga cheangal le Ruadh Stac Mòr. Dh'fhaodadh a ceangal fiù 's leis na beanntan air taobh eile a' ghlinne, Beinn a' Chlaidheimh, Sgùrr Bàn agus Mullach Coire Mhic Fhearchair, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1]. Dh'fhaodadh cuideachd dèanamh air a' bheinn seo bho Cheann Loch Iù.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Achadh an Iasgair, Slioch, Loch Ma Ruibhe, Fionn Loch, Loch Iù,An Teallach agus Na Fanaichean.


Iomraidhean

deasaich
  1. Na Fisherfield Six air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: