Liborina
'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann Liborina. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 700m os cionn ìre na mara agus 115km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1832.
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Antioquia |
Domhan-leud is -fhad | 6°40′41″N 75°48′44″W |
Cànan obrach no ainm | Cànanan Innd-Eòrpach |
Làrach-lìn | http://liborina-antioquia.gov.co/sitio.shtml |
Freumhan an Ainm
deasaich'S e Nutabes an t-ainm a bha air a' bhaile o thùs, bho ainm nan Tùsanach a bha nan tàmh an seo ro àm nan Spàinnteach.[3] Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Liborina ann an 1883, an sloinneadh aig a' churaidh Liborino Mejía Gutiérrez,[4] a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.
Eachdraidh
deasaichThòisich Jorge Martínez am pròiseas airson Liborina a sgaradh bho Sacaojal ann an 1832, leis gun robh 703 duine a’ fuireach anns an àite far a bheil am baile an latha an-diugh.[5] An ceann bliadhna chaidh am baile a stèidhicheadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 – 1845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Liborina, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[6] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 9,475 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,619 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ ann ann am Liborina fhathast.
A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Liborina, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 7.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.6% dhe na daoine ann an Liborina leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 14.3% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Liborina. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèill an Naoimh Lorcan: 10mh an Lùnasdal.
- Fèis na Ponair (Spàinntis: Fiesta del Fríjol): an t-Samhain.
- A' Chàisg: am Màrt neo an Cèitean.
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mapa oifigeil na roinne[dead link]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Fiosrachadh a’ Chomhairle[dead link]
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia