Campamento (Antioquia)
Campamento
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Norte Antioqueño | ||||
Àirde | 1700m | ||||
Co-chomharran | 06° 58' 55' Tuath 75° 17' 59' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 200 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 9,688 (2005) | ||||
Dlùths | 48.44/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Campamento. Tha e suidhichte aig 1,700m os cionn ìre na mara agus 149m air falbh bho Mhedellín. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 24˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1827.
Eachdraidh
deasaichThàinig na ciad thìrean gus an àite far a bheil Campamento ann an 1827, leis an t-Sagart José Antonio Palacios Izaza os an cionn.[3] An ceann ochd bliadhna chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 – 1845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Campamento, stèidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Liborina, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a stèidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 9,688 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 7,238, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th' ann.
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Campamento. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.