Aranzazu (baile)
Aranzazu
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Caldas | ||||
Àirde | 1960m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 18° | ||||
Co-chomharran | 5° 17′ 00.00″ Tuath 75° 10′ 00.00″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 151.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,815 (2005) | ||||
Dlùths | 84.59/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Aranzazu |
‘S e baile beag faisg air La Merced ann an Caldas a th’ann Aranzazu. Tha e ann an iar-mheadhan na dùthcha, Coloimbia. Tha àireamh-sluaigh dhe 12,181[1] daoine a’ fuireach ann an Aranzazu. Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na roinne, aig 52 cileameatair à Manizales, prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le cleachdaidhean gu math traidiseanta a th’ann, agus cha do dh’fhulaing e an droch ainneart a rinn cron air iomadh sgìre eile air feadh na dùthcha. Bithear a’ cumail Fèis na Cabuya (seòrsa dhe bambù), gach dà bhliadhna, leis gu e sin fear dhe na lusan a thathar ga fhàs an seo. ‘S e baile uabhasach marsanta a th’ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1853.[2]
Freumhan an Ainm
deasaichChaidh am baile a dh’ainmeachadh mar chuimhne air Juan de Dios Aranzazu, seann cheann-suidhe na dùthcha a thug am fearann far a bheil am baile an latha an-diugh mar thabhartas dha na daoine, gnothach a rinn e air feadh Caldas agus Antioquia.[3] 'S ann às a' Bhasgais a thàinig an t-ainm Aranzazu neo Aránzazu, agus tha e a' ciallachadh Beinn na Drisean, bho ara (beinn), antz (dris) agus zu (làn).[4]
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 12,815 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 5,948 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Aranzazu (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 88.6% dhe na daoine ann an Aranzazu leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 28.8% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Aranzazu. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.