Entrerríos
'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann an Entrerríos. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,300m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 60km bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 16˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.
Cur air cois | 1830 |
---|---|
Ainm oifigeil | Entrerríos |
Ainm dùthchasach | Entrerríos |
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Northern Antioquia, Antioquia |
Roinn-tìde | UTC−05:00 |
Domhan-leud is -fhad | 6°33′55″N 75°30′51″W |
Làrach-lìn | http://entrerrios-antioquia.gov.co/sitio.shtml |
Freumhan an ainm
deasaichTha an t-ainm Entrerríos a' ciallachadh Eadar na h-Aibhnichean, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: entre (eadar) bhon fhacal Laideann inter[3] agus río (abhainn) bhon fhacal Laideann rius.[4] Tha e suidhichte eadar na h-aibhnichean Río Grande (Abhainn Mhòr) agus Río Chico (Abhainn Bheag).[5]
Eachdraidh
deasaichThòisich José Ignacio Jaramillo agus Modesto Tamayo am pròiseas airson Entrerríos a chur air bhog ann an 1830.[6] An ceann còig bliadhna chaidh am baile a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (1798 – 1845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Entrerríos, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Ebéjico, Liborina, Girardota agus Cocorná.[7] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 8,447 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha leth-chuid dhuibh, 4,540 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Entrerríos fhathast.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Entrerríos, ach tha 6.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 92.1% dhe na daoine ann an Entrerríos leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 51.2% dhe na dachannan.[10]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Entrerríos. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mapa oifigeil na roinne[dead link]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Fiosrachadh a’ Chomhairle[dead link]
- ↑ Fiosrachadh a’ Chomhairle[dead link]
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE[dead link]
- ↑ Country Studies: Colombia