Fosgail am prìomh chlàr-taice
Logroño
Bandera de Logroño.png CoA of Logroño.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Logroño - Casa de las Ciencias 01.JPG
La Rioja - Mapa municipal - Logroño.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Spain.svg An Spàinn
Ceàrn Flag of La Rioja (with coat of arms).svg La Rioja
Sgìre Flag of La Rioja (with coat of arms).svg La Rioja
Co-chomharran 42° 27' 08' Tuath
02° 19' 52' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 75.55 km²
Àireamh-shluaigh 151,344 (2009)
Dlùths 2,003.23/km²
Àireamh fòn + 34 949
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Iruña ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann an Logroño (IPA: loˈɣɾoɲo). Tha e suidhichte aig 353m os cionn ìre na mara,[1] 330km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 484km bho Bharcelona.[2] Tha 151,344 duine a’ fuireach ann an Logroño.[3] Thèid an an t-Slighe Fhrangach tron bhaile, air an starran gu Santiago de Compostela. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na La Rioja a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainmDeasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd Logroño. Tha e coltach gur ann à Gronno (Gàidhlig: Beul-àtha) ann an seann Cheiltis a tha an t-ainm, leis an iar-leasachan Spàinntis -illo. Chaidh am baile a chlàradh anns na meadhan aoisean mar illo Gronio agus tha àtha thar na h-aibhne Ebro ann.[4] A dh'aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à Lucus Brun/Lucus Beronius ann an Laideann, leis gun do chlàradh am baile mar Lucronio ann an 965 agus Logronio ann an 1095.[5] Tha lucus a' ciallachadh àite.

EachdraidhDeasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh o chionn linntean leis na Ceiltich. B' e daingneachadh a bh' ann, mar a thuirt Livius. Thog na Ròmanaich baile ùr san àite, air an robh Varea. B' e gearasdain air an Abhainn a bh' ann.[6] Rinn Liubagilds, Rìgh nan Gotach, sgrios agus droch mhilleadh air a' bhaile ann 575. Thug an Rìgh Alfonso VI còirichean sònraichte dhan bhaile ann an 1095, air sàilleabh gu robh esan airson cumhachd eaconomach a thoirt dhan àite cudromach seo, air an abhainn eadar nan rìoghachdan.[7] Chuireadh an gnìomh Taigh-cùirte Mion-cheasnachadh Mòr na Spàinne an seo ann an 1570 agus chaidh bana-bhuidseachaich a losgadh an seo ann an 1610.[8] Mar a b' àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833,[9] ach chaidh sin atharrachadh gu La Rioja ann an 1978 aig àm Bun-reachd ùr agus chuireadh sin an gnìomh gu h-oifigeil an ceann dà bhliadhna, fo lagh 57/1980.[10] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach air 19 an t-Iuchar 1936,[11] dìreach aig toiseach tòisichidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais a dh’ adhbhraich Cogadh Sìobhalta na Spàinne.[12] Cha robh cothrom aig duine san bi seasamh nan aghaidh agus chuir an t-Arm trì bliadhna a’ sgiùrsadh nan daoine gun dàil. Chaill 268 am beatha gun adhbhar.

Cruinn-eòlasDeasaich

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Logroño.[13] Cha tuit ach 485mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 831mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[14] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

Bailtean Co-cheangailteDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Rodríguez - de Lama, Colección diplomática medieval de La Rioja, vol. I, Logroño, 1979
  5. Espinosa U., El gentilicio Beronés en el topónimo Logroño
  6. Ceniceros Herreros J. - Pérez Arrondo C. L. - Tudanca Casero J.M., El recinto medieval de monte Cantabria (Logroño, La Rioja), Brocar, Cuadernos de investigación histórica, Nº 16, 1990, ISBN 1885-8309
  7. Fuero de Logroño
  8. Vallena Jerilla
  9. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  10. Notícias Jurídicas
  11. Desde mi Campanario
  12. Bermemar
  13. Aemet
  14. Met Office
  15. Femp

Ceanglaichean a-machDeasaich