Iain Rothach
Bha Iain Rothach ( 10 Dùbhlachd 1889 - 16 An Giblean 1918) ’na shaighdear agus ’na bhàrd Gàidhlig, bho Shuardal ann an Leòdhas. John Munro a bh’ air sa Bheurla ach sgrìobh e fon ainm Iain Rothach. Fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1914. Fhuair e am Military Cross anns a’ Chogadh Mhór ’s e a’ sabaid còmhla ris an 7mh Cath de na Sìobhortaich. Chaidh a mharbhadh trì làithean às déidh sin air 16 an Giblean 1918[1][2].
Iain Rothach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Suardail, 1889 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Ploegsteert (en) , 16 dhen Ghiblean 1918 |
Nàdar a’ bhàis | death in battle (en) |
Foghlam | |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Gnè ealain | bàrdachd |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
Sgeul-beatha
deasaichRugadh Iain "Beag" Rothach ann an 1889 ann an Suardail, Leòdhas, agus chaidh a thogail ann an Aiginis. Fhuair e foghlam ann an Sgoil a' Chnuic[3] agus bha e 'na "pupil-teacher" anns an sgoil.[3] A-rèir Murchard Moireach, a charaid, bha e glè mheasail air bàrdachd Shakespeare.[3] Nuair a thàining rian nam pupil teachers gu crìoch, chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh airson trì bliadhna. As dèidh do Rothach Sgoil MhicNeacail fhàgail, fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1914 agus bha e airson a bhith na mhinistear. Nuair a thòisich An Cogadh Mòr, ghabh e anns an arm gun dàil.[4] Bha e a’ sabaid còmhla ris an 7mh Cath de na Sìobhortaich, gu h-àraid anns an Fhraing. Fhuair e àrdachadh gu 2na morair-ionaid anns an Òg-Mhìos 1916. Choisinn e Crois a' Mhìlidh air an 13 An Giblean, 1918.[3] Chaochail e air 16 An Giblean 1918 anns an Fhraing.
Bàrdachd
deasaichNuair a bha Iain Rothach aig Sgoil MhicNeacail, chuir Àrd-cheann na sgoile, W. G. MacGileabairt (Gibson) co-fharpais bàrdachd air dòigh, agus bha Herbert Grierson, ollamh aig Oilthigh Obair Dheathain, na bhritheamh on taobh a-muigh.[4] Rinn Iain Rothach ealaidh sa Bheurla ann an dubh-rannaidheachd air Eilean Leòdhais, agus thuirt Grierson gun chuireadh e iongnadh mòr air nan rugadh bàrd nas fheàrr ann an Leòdhas a-riamh.[4]
Cha do mhair ach dòrnan beag de na dàin a sgrìobh e. Mhol Ruaraidh MacThòmais gu sònraichte dà dhiubh: "Ar Tìr, 's Ar Gaisgich a Thuit sna Blàir", agus "Air Sgàth nan Sonn"[5]. Thathar ag ràdh gur e Iain Rothach a' chiad bàrd Gàidhlig ùr-nòsach.
- "Ar Tìr, 's Ar Gaisgich a Thuir sna Blàir"
- "Air Sgàth nan Sonn"
- "Am Brosnachadh"
Ar Gaisgich a Thuit sna Blàir
S iomadh fear àlainn òg sgairteil,
ait-fhaoilt air chinn a bhlàth-chridh,
tric le ceum daingeann làidir,
ceum aotrom, glan, sàil-ghlan,
dhìrich bràigh nam beann mòra,
chaidh a choinneamh a’ bhàis -
tric ga fhaireach’ roimh-làimh -
a chaidh suas chum a’ bhlàir;
‘s tha feur glas an-diugh ‘fàs
air na dh’fhàg innleachdan nàmh,
innleachdan dhubh-sgrios an nàmh a chòrr dheth.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Pìos sa Herald le a ogha, Torcuil Crichton, 2005-11-13, air a tharraing 2013-12-14
- ↑ http://www.cwgc.org/find-war-dead/casualty/1642804/MUNRO,%20JOHN CWCG], air a tharraing 2013-12-14
- ↑ 3.0 3.1 3.2 3.3 Murchadh Moireach, "Iain Rothach," Gairm 19 An t-Earrach 1957, d. 262.
- ↑ 4.0 4.1 4.2 4.3 Iain Mac a' Ghobhainn agus Ruaraidh MacÌomhair, "Iain Rothach", Scottish Review 9 An t-Iuchar 2014.
- ↑ Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. 1983, t.d.253
Leabhraichean is artaigilean
deasaich- Derick S. Thomson: The Companion to Gaelic Scotland. Basil Blackwater Publisher Lim., Àth nan Damh 1983.
- Murchadh Moireach. "Iain Rothach I + II." Gairm 19 An t-Earrach 1957 is Gairm 20 An Samhradh 1957.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Iain Max a' Ghobhainn agus Ruairidh MacÌomhair. "Iain Rothach". Scottish Review. (Beurla)
- BBC Naidheachdan 2018-11-04: A' cuimhneachadh Iain Rothaich (aithris-bhideo 4:47)