Murchadh Moireach
Bha Murchadh Moireach (1890-1964) ’na shaighdear agus ’na bhàrd Gàidhlig à Leòdhas. Rugadh e ann an Sgìre Bhac agus bha athair na ghreusaiche.[1] B' e Murdo Murray a bh’ air sa Bheurla. Chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus bha e 'na dux ann an 1909.[1] Fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1913. Ghabh e anns an arm ann an 1914. Nuair a bha e 'n sàs anns a' Chogadh Mhòr, bha e a' cumail leabhar-latha an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Nuair a thàinig crìoch air a' chogadh, bha e ag obair mar thidsear is an dèidh sin mar neach-sgrùdaidh airson sgoiltean.
Murchadh Moireach agus Iain Rothach
deasaichBha Murchadh Moireach na charaid do Iain Rothach, bàrd Leòdhasach eile a bhàsaich anns a' Chogadh Mhòr. Sgrìobh Murchadh aiste air Iain Rothach a chaidh fhoillseachadh ann an Gairm (Àireamh 19, An t-Earrach 1957).