Eige
Eige | |
Eige; sealladh bhon aiseig eadar Malaig is Armadal | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | A' Ghàidhealtachd |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Tarsainn |
Co-chomharran | 56.9º T 6.16667º I |
Comharradh-clèithe | NM476868 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 30.49 km² |
Àireamh-shluaigh | 83 (2011) |
Dlùths | 2.72/km² |
'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Eige (IPA: [ˈekʲə], Beurla: Eigg). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh air àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus air àird a thuath leth-eilean Àird nam Murchan. Tha Eige 9 km a dh’fhad agus 5 km a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Tha an cuid as motha de na daoine a' fuireach ann an Cliadal. 'S e tuineachaidhean eile a tha ann an Cill Donnain, Sandamhòr, Lathaig, Thùlain, A' Chuagach agus Galmasdal.[1]
'S e an Sgurr (393 m/1289 troigh) a' bheinn as àirde a tha anns an eilean. Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le lochan faisg air Sgùrr Eige, Loch nam Ban Mòra. Bha ainm eile air Eige cuideachd: Eilean nam Ban Mòra.[2] Ann am meadhan Eige tha àrd-thìr ann a tha còmhdaichte le mòinteach.
Tha an aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Tha an cidhe faisg air Galmasdal. Tha taigh-solais ann an Eilean Chathastail dìreach air àird an ear-dheas Ghalmasdal. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.
Bha an t-eilean le neach-spòrs Keith Schellenberg nach maireann agus neach-ealain às a' Ghearmailt Marlin Eckhard no Maruma mus do cheannaich muinntir an àite an t-eilean tron Urras Dualchas Eige ann an 1997.[3] Tha an t-Urras aig an Comann Luchd-Fuirich Eige, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba.
Daoine ainmeil
deasaich- Coinneach MacLeòid, sgrìobhaiche agus ministear
- Raghnall Dubh, cruinniche bhàrdachd
- Maggie Fyffe, neach-iomairt
Iomraidhean
deasaich- ↑ Ainmean Gàidhlig a rèir Guide to the Isle of Eigg Postcard Maps, Isle of Eigg Craftshop.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Eigg Heritage Trust” (Beurla). Air a thogail 20mh dhen Lùnasdal 2016.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn oifigeil - Eige
- Cruinn-eòlas Eige
- BBC Naidheachdan 2017-03-22: Cnàmhan gan ceangail ri Murt Eilein Eige
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |