Am broc
Am broc; a charaid, Fàilte gu Uicipeid! Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn. 'S dòcha gum bi am fiosrachadh ann an Cobhair agus Poileasaidhean feumail dhut. Neo faodaidh tu cuideachd ceist fhàgail air Doras na Coimhearsnachd far am faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan. Gura math a thèid leat! --Sionnach (an deasbaireachd) 23:34, 11 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
Seo an clàr dhut: Teamplaid:Dùthaich. --Sionnach (an deasbaireachd) 08:34, 12 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
PS: Ma sgrìobhas tu teachdaireachdan air duilleagan deasbaireachd, aig deireadh do theachdaireachd briog air a’ phutan seo a chì thu aig bàrr na h-uinneig dheasachaidh. Faodaidh tu cuideachd ceithir tilde (~~~~) a chleachdadh agus tachraidh an aon rud.
Puing bheag: Anns an teamplaid chan fhaod thu am facal "file" a chleachdadh (faic an seo). Agus is dòcha gum bi "deasaich an tùs" nas fhasa airson a bhith ag obair le teamplaidean. Cum ort! --Sionnach (an deasbaireachd) 11:04, 12 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
- Aʼ bhroic a charaid, Fàilte ort dhan Uicipeid! Agus tha mi aʼ faicinn gu bheil thu air dà dheagh dhuilleag sùsbainteach a chruthachadh mu-thràth. Math thu!
- Tha thu air an duilleag Volapük a chur ann an roinn-seòrsa ùir, “Cànain chruthaichte”. Ach tha mi aʼ faicinn gu bheil Esperanto agus Lingua Franca Nova ann a-cheanna agus iad ann an roinn-seòrsa Cànain fuadain. Bu chòir dhuinn na roinnean-seòrsa sin a chur còmhla. Ach dé an t-ainm as fhearr: “Cànain chruthaichte” no “Cànain fuadain” no “Cànain innealta”? “Constructed languages” a chanas iad sa Bheurla. --Caoimhin (an deasbaireachd) 19:59, 15 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
Haidh, 's urrainn dhut ceistean a chur thugam mu dheidhinn Uicipeid cuideachd. 'S dòcha tha Sionnach aig wikibreak beag a bu mhath an airidh. Catrìona (an deasbaireachd) 22:41, 15 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
- Hallo a-rithist Am broc! 'S math an obair a tha thu air a bhith dèanamh. Thoir an aire gu bheil e cudromach gum bi iomraidhean a bharrachd anns na h-aistean a dhearbhas an fhiosrachaidh annta. Chan eil mi mion-eòlach air tùsan air na h-eileanan sin ach chì mi gu bheil en.wiki a' cleachdadh fios an CIA. Tha fios air na làraichean oifigeil cuideachd leithid an seo. Dhèanadh sin na h-aistean buileach nas fheàrr agus nas earbsaich.
- Rud beag eile, ma thogas cuideigin ceist dhut air an duilleag seo, faodaidh tu a' cheist a fhreagairt an seo cuideachd. Mar sin, bidh e nas fhasa dhan dithis agaibh an còmhradh a leantainn. ;) --Susan.nls (an deasbaireachd) 16:37, 20 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
- Hallo a-rithist Am broc! 'S math an obair a tha thu air a bhith dèanamh. Thoir an aire gu bheil e cudromach gum bi iomraidhean a bharrachd anns na h-aistean a dhearbhas an fhiosrachaidh annta. Chan eil mi mion-eòlach air tùsan air na h-eileanan sin ach chì mi gu bheil en.wiki a' cleachdadh fios an CIA. Tha fios air na làraichean oifigeil cuideachd leithid an seo. Dhèanadh sin na h-aistean buileach nas fheàrr agus nas earbsaich.
Taing mhòr Susan. Deagh chomhairle. Cuiridh mi barrachd iomraidhean ann. --Am broc (an deasbaireachd) 18:30, 20 dhen Mhàrt 2017 (UTC)
Ma sgrìobhas tu ruideigin mar [[Deasbaireachd a' chleachdaiche:Catrìona|a Chatrìona]], chuirear sanas dhan chleachdaiche mar urrainn dha/i freagairt fhàgail an-seothach. Catrìona (an deasbaireachd) 13:11, 21 dhen Mhàrt 2017 (UTC)