Lingua Franca Nova
Tha dìth sgioblachaidh air an aiste seo. Feumar a deasachadh gus an ruig i inbhe nas àirde. As dèidh a leasachadh, faodar cur às don teachdaireachd seo. |
Is e Lingua Franca Nova (giorrachadh: LFN) cànan innealta a tha air a chruthachadh leis an Dr C George Boeree à Oilthigh Shippensburg, Pennsylvania. Tha a bhriathrachas suidhichte air cànanan Ròmanach - Fraingis, Eadailtis, Portagailis, Spàinntis, agus Catalanais. Chaidh a ghràmair a dhèanamh na bu shìmplidh gu mòr agus tha e coltach ri cànanan Creole Ròmanach. Tha litreachadh fòineimeach aige a tha a' cleachdadh 22 litir bhon aibidil Ròmanach agus Cirillach.
Lingua Franca Nova | ||
---|---|---|
Luchd-labhairt iomlan |
>100 | |
ISO 639-3 | lfn | |
Ghràmair
deasaichLitreachadh agus fuaimneachadh
deasaichAibidil
deasaichTha Elefen a’ cleachdadh na h-aibidil as aithnichte san t-saoghal: Ròmanach no Laideann.
- litrichean beaga
- a b c d e f g h i j l m n o p r s t u v x z
- litrichean mòra
- A B C D E F G H I J L M N O P R S T U V X Z
Chan eil K (k), Q (q), W (w) agus Y (y) a’ nochdadh ann am faclan àbhaisteach. Ann an timcheall air ceud facal eadar-nàiseanta neo-Ròmanach, faodar W a sgrìobhadh airson U, agus Y airson I, gus an litreachadh a dhèanamh nas fhasa aithneachadh: ioga/yoga, piniin/pinyin, sueter/sweter, ueb/web. A bharrachd air an sin, chan eilear a’ cleachdadh K, Q, W agus Y ach airson cruthan tùsail ainmearan ceart agus faclan neo-Elefen a ghleidheadh.
Chan eil H cuideachd cumanta, ach lorgar e ann an cuid de theirmean teicnigeach agus cultarail.