Fosgail am prìomh chlàr-taice
Bratach Esperanto
A chiad leabhar san Esperanto le L. L. Zamenhof

'S e Esperanto an cànan fuadain as ainmeile agus as soirbheachaile de na h-uile a chaidh an cruthachadh (Volapük, Ido, Interlingua, ⁊c.) air son conaltradh eadar na pobaill den talamh a dhèanamh nas fhasa.

EachdraidhDeasaich

Chuireadh air bog e leis an Dr. Ludwick Lazurus Zamenhof , lighiche Pòlainneach, ann an 1887, agus an diugh cha mhòr nach eil dùthaich sam bith air an talamh far nach eil luchd-labhairt Esperanto. Sa mhòr-chuid de na tìrean chan eil na h-Esperantaich pailt, ach tha Esperanto làidir ann am Braisil agus àireamh ait' eile. Is ann air faclan cumanta cànanan na h-Eòrpa (gu h-àraidh nan cànan Laideannach) a tha faclair Esperanto stèidhichte, ach tha Esperanto fada nas fhasa a dh'ionnsachadh na teanga sam bi eile, a chionn ‘s nach eil gnìomhairean neo-riaghailteach, mura-bhith no gnàthasan-cainnt mì-sheaghach innte. Thèid aig duine tùrail sam bith Esperanto a thogail ann an deicheamh den ùine a tha e ag iarraidh airson, can, Fraingis no Gearmailtis a dh'ionnsachadh.

Litreachas agus eadar-theangaicheanDeasaich

Tha a’ chànan seo saidhbhir ann an litreachas eadar-theangaichte agus tùsail. Gheibhear eadar-theangaidhean Esperanto de dh'iomadach leabhar cudthromach: am Bìoball, an Coràn, am Bhagavad Gita, obraichean Shakespeare, Goethe, Dante, Cervantes, ⁊c. Tha eadar-theangaidhean de litreachas Esperanto ann an cànanan eile - mar eisimpleir an duan fada La infana raso (An Cinneadh Leanabail) leis a' bhàrd Esperantach Albannach Uilleam Auld (1924-2006), a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghàidhlig, còmhla ri àireamh eadar-theangaidhean eile, air duilleagan-lìn an Association of Esperantophone Writers (Esperantlingva verkista asocio)[1]. Thatar a' measadh La infana raso mar sàr-obair an litreachais ann an Esperanto, agus air bhunait na h-oibre seo, chuireadh ainm Auld air adhart mar tagraiche air son Duais Nobel ann an Litreachais ann an 1998.

BreithneachadhDeasaich

Chan eil Esperanto gun breithneachadh, math is dona. Mar eisimpleir, bha mòran argumaidean san eachdraidh, agus thàinig cànain ùra eadar-nàiseanta as, mar "Ido" agus "Interlingua".

Am measg na beachdan an aghaidh-

  • Theirear nach eil Esperanto eadar-nàiseanta idir, ach cànan Eòrpach le gràmar is faclan Eòrpach ann.
  • Chan eil riaghaltas sam bith, neo na Nàiseanan Aonaichte ga cleachdadh.
  • Tha cuid ag ràdh gu bheil cànan Klingon aig àireamh as àirde.

Tuilleadh leughadhDeasaich

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: