Alázhlis a charaid. Tha mi duilich, ach tha e uabhasach doirbh tuigsinn dé a tha a’ Ghàidhlig san duilleig Gall-ghaidheil agad a’ ciallachadh. Chan eil “ContentTranslation” ag obrachadh mura bheil deagh Ghàidhlig agad airson a sgioblachadh. Chan eil ContentTranslation gu móran feum, agus is dòcha nach eil e gu feum sam bith. --Caoimhin (an deasbaireachd) 11:27, 15 dhen Dùbhlachd 2016 (UTC)Reply

Sandbox

deasaich

A charaid,

Thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.

Ma tha thu toilichte gun tèid 'sandbox' a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.

Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air 'sandbox' as dèidh an deasbaid an seo.

Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (Emain Macha (an deasbaireachd) 15:08, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.Reply

Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 15:08, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Gluasad aistean

deasaich

Hi Alázhlis, chunnaic mi gun robh trioblaidean agad, gus duilleag agad a ghluasad don "Mainspace". Ma dh'fhosglas tu an taba "Gluais", taghadh "(Priomh)" anns a' chlàr-iùil air do làimh chlì, agus air do làimh dheas dìreach tiotal na h-aiste (a' toirt air falbh Alázhlis/ A' Ghort Mòr). Na gabh dragh, ma nì thu mearachdan le sin. Le deagh dhùrachdan--Sionnach (an deasbaireachd) 21:08, 27 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Tapadh leat a Shionnaich. 130.58.160.157 21:31, 27 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Sgioblachadh bailtean na h-Alba

deasaich

Hi Catrìona, o chionn 's goirid sgrìobh thu gum biodh tu deònach cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhith a' cur "infoboxes" agus iomraidhean ris na h-aistean. Mar sin chruthaich mi an duilleag Pròiseact sgioblachaidh. Tha torr artaigilean feumach air bogsaichean fiosrachaidh amsaa. Ma bhios ùidh agad, sgioblaich na rudan air a bheil thu eòlach. Tha fàilte mhòr ort gus sgrìobhadh air an duilleig seo, gus am bi   aig a h-uile gin dhiubh:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 14:08, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Cobhair

deasaich

Hi, a bheil thu eòlach air na duilleagan seo? Gheibh thu beagan fiosrachaidh mu Wiki mark up is eile an seo.--Sionnach (an deasbaireachd) 17:58, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Tha a-nis, a Shionnaich. Tha glè fheumail, ach tha neo-fhollaiseach na mo bheachd-sa. (Am bu choir a bhith ceangal-lìn air a' phrìomh dhuilleag, 's dòcha?)

Chan eil feum agam air goireasan mar sin (a dh'aindeoin nach urrainn dhomh duilleagan a ghluais); tha mi eòlach air Uicidh na Beurla agus na Spàinntis. Bha mi a' smuaintean gum b' urrainn dhomhsa goireasan a dhèanamh do cleachdaichean eile. Catrìona (an deasbaireachd) 18:30, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Deagh bheachd, chuir mi dà cheangal air a' Prìomh-Dhuilleig. Ach gu mì-fhortanach chan eil ùine gu leòr agam airson goireasan eile a dhèanamh. Chan eil mòran daoine a' coimhead orra co-dhiù. B' fheàrr leam fhèin aistean a sgioblachadh is a leudachadh, tha a' chuid as motha dhiubh dìreach uabhasach. Is dòcha bruidhinn ri Susan mu na goireasan a tha thu ag iarraidh. --Sionnach (an deasbaireachd) 19:13, 28 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Stràcan

deasaich

Hi Catrìona, chunnaic mi gu bheil thu trang sgioblachadh mhearachdan. Tha sin math, ach ma bhios cuideigin a' sgrìobhadh anns an stoidhle tradaiseanta, chan eil adhbhar ann sin ag atharrachadh mar a rinn thu an seo. Saoilidh mi gum bhiodh e math urram a chur air obair a' chleachdaiche agus an stoidhle aige. Ged-tha, mura bi stràcan sam bith ann no san àite ceàrr, bidh sin glè mhath. --Sionnach (an deasbaireachd) 22:47, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Tapadh leat a Shionnaich, chuimneachaidh mi seo. Catrìona (an deasbaireachd) 23:19, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply
Hi Catrìona, mholainn-sa gum bi thu rud beag nas cùramaiche leis na h-atharrachaidhean a nì thu, mas e do toil e. Me. Tim Armstrong; tha sin cearr, faic Am Faclair Beag--Sionnach (an deasbaireachd) 21:27, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
Tha mi duilich, bidh mise a h-uile "dh'fhuair" anns an Uicidh seo a cheartachadh. Catrìona (an deasbaireachd) 21:32, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
A bheil thu eòlach air an diofar eadar "fhuair", "dh'fhuair" agus "d' fhuair" ?--Sionnach (an deasbaireachd) 21:39, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
Tha a-nis: Fhuair, an d'fhuair, cha d'fhuair.Catrìona (an deasbaireachd) 21:58, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
Tha sin ceart, ged a tha cuid de na faclairean a' moladh "d' fhuair" (le beàrn) cuideachd, m. e. GOC--Sionnach (an deasbaireachd) 22:42, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply

Agus Eisimpleir eile: Faisg air 1800, bha na Rìoghachd Aonaichte -> an Rìoghachd Aonaichte an sàs ann an -> anns na Cogaidhean Napoleon Bonaparte, gu sònraichte ann an Spàinnt. -> anns an Spàinnt. --Sionnach (an deasbaireachd) 21:44, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply

Tapadh leat. A bheil cus mhearachdan anns an sgrìobhadh agam...? Chreid mi gun robh an aistean seo "underdeveloped", mar sin dh'fheuch mi iad a mhathachadh. Catrìona (an deasbaireachd) 21:58, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
Tha mi a' faicinn gu bheil thu uabhasach dìcheallach. Tha mi duilich ach tha mi a‘ smaoineachadh gu bheil cus mhearachdan agad airson atharrachaidhean mòra. Aig an ìre far a bheil thu molainn-sa a bhith ag obair nas slaodaiche agus nas cùramaiche, a' cleachdadh faclairean is leabhraichean gràmair, gu h-àraid a thaobh an uilt is na tuisealan agus structar nan seantansan gus a bhith cinnteach am bi sin ceart.
No toisich le rudeigin nas fhasa leithid teamplaidean, tùsan no seantans no dhà a chur ris na bailtean, gheibh thu eisimpleirean simplidh an seo. --Sionnach (an deasbaireachd) 22:32, 5 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply

Teamplaidean

deasaich

A Chatrìona, chunnaic mi gun robh thu trang leis na teamplaidean agus tha sin fada nas fheàrr. Ach chunnaic mi cuideachd nach do leudaich thu a h-uile paramadair dhiubh. Mar sin bu toil leam faighneachd carson nach do lìon thu LEUD, ASTAIR COMHARRADH (agus uireanan FÒN is FARSAINGEACHD). Tha am paramadair COMHARRADH fìor chudromach air sgàth 's gu bheil ceangail aige gu Geo Hack. --Sionnach (an deasbaireachd) 20:57, 12 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply

A Shionnaich, 's urrainn dhomh COMHARRADH a lìon, ach cha robh mi cinnteach dè an ciall dha FARSAINGEACHD. Fhuair mi fòn bho Uicidh Beurla agus uairean bha falamh. Dè làraichean-lìn a bu choir lorg air a shon? Catrìona (an deasbaireachd) 01:02, 13 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
A Chatrìona, is math gun do thòisich thu air COMHARRADH a chur ris na teamplaidean agad.
FARSAINGEACHD: An do leugh thu am mìneachadh air an duilleig Teamplaid:Baile ann an Alba gu mionaideach? Tha e ag ràdh: "FARSAINGEACHD = Cuiribh meud a' bhaile an seo. Nochdaidh e ann an km²." Chì thu cuideachd an seantans: "Tha barrachd fiosrachaidh airson luchd-ionnsachaidh ri fhaighinn air an duilleig deasbaireachd." Briog air an ceangal seo! A bheil thu a' tuigsinn a-nis? Mura bheil, leig fios dhomh. (Mura bheil "Farsaingeachd" ann an Uici eile, fàg i)
FÒN: Mar as trice tha mi ga tarraing bho Uici Beurla no Uici Gearmailteach. No cleachdaich mi BT Phone Book Mura bheil an àireamh fòn an seo no ann an Uici eile, fàg am paramadair seo. Ach seall air Liabost; ged a tha an àireamh fòn ann an Uici Beurla, cha do chuir thu ris i.
A-nis, air sgàths gu bheil uici Gàidhlig cho beag bhiodh e math nan dèanadh tu fhèin sgioblachadh mionaideach air na teamplaidean a chuir thu ris na h-aistean san 11 dhen Ghearran 2017 (bailtean, eileanan is sgìrean). --Sionnach (an deasbaireachd) 20:57, 13 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply
Càiridh mi a h-uile mearachd no dearmad a rinn mi fhìn. Ach, 's beag nach do chòrd an sgilean is dòigh deasachaidh agam dhan Uicidh seo. Cha dèan mi an corr mur an do chuidich. Catrìona (an deasbaireachd) 01:48, 14 dhen Ghearran 2017 (UTC)Reply

Goireasan agus Rianachd an Uici

deasaich

Hai a Chatrìona! Tha mi air duilleag a chruthachadh le liosta de na goireasan air a bhios mi ag obair san àm ri teachd. Chan eil e slàn fhathast ach beag air bheag cuiridh mi fiosrachadh ris. Bidh mi an uair sin a' sìreadh bheachdan o dhaoine eile mus tèid na goireasan 'beò' mar gum biodh. Ach leis gu bheil thu eòlach air uicidhean eile agus gu bheil ùidh agad ann an 'structar' Uicipeid a leasachadh, bhiodh e math cluinntinn bhuat air na tha a dhìth. Chòrd e rium fhaicinn na teamplaidean a rinn thu air Mearachdan Litreachaidh agus Gràmair. Tha mi a' smaointinn gum bi iad feumail anns na bùthan-obrach a nì mi. --Susan.nls (an deasbaireachd) 17:01, 23 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply

Haidh Susan agus tapadh leat airson a' phuist-d agad. Dhìochuimnich mi cuideachd gum bu mhath "style guide" airson rudan mar ainmean nach eil anns a' Ghàidhlig (cuin a bu chòir an eadar-theangachadh, cuin an fheàrr an sèimheachadh, amsaa.) Dè an "register" a molar a chleachdadh? An robh e às An Spàinn neo às an Spàinn? Am b' urrainn litreachadh neo tuisealan seann-fhasanta a chleachdadh? Am bu chòir comharran-labhairt eadar-theangachadh gu Gàidhlig? Ciamar a sgrìobhadh mur eil facal Gàidhlig cumanta air ruideigin? Agus mòran rudan eile. Mur eil poileasaidh mun dèidhinn, 's dòcha gum bu chòir duilleag ann airson sineach fhèin a shoillearachadh. Taing! Catrìona (an deasbaireachd) 04:03, 25 dhen Mhàrt 2017 (UTC)Reply

You are invited!

deasaich
 
You are invited...
 

The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.

  • Hosts: The University of Edinburgh and w:Wikimedia UK
  • Supporting: Celtic & Indigenous Languages.
  • Objective: The main objective for Celtic Knot 2017 is the coming together of practitioners in the same room at same time; strengthening the bonds of those working to support language communities into a 'knot' and leading into action. Attendees can expect to learn about and discuss innovative approaches to open education, open knowledge and open data that support and grow language communities.
  • Date: 6 July 2017 - Booking is now open.

Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:50, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)Reply