Dail Beithich
Dail Beithich | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 55′ 55″ Tuath 3° 49′ 19″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX833613 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,289 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Dail Bheithe neo Dail Beithich[1] (Beurla: Dalbeattie). Tha e suidhichte ann an gleann air bruach Urr Water mu 6 cilemeatair (4 mìltean) ear air Caisteal Dhùghlais agus mu 19 cilemeatair (12 mìltean) iar-dheas air Dùn Phris. Ann an 2011 bha 4,289 duine a' fuireach an seo.[2] Bha a' chiad tuineachadh an seo ann an 1658, ach chaidh am baile a thogail ann an 1781. Bha gnìomhachas clachan ghràineil gu math cudromach airson a' bhaile, anns na 1810an bha mòran daoine a dh'imrich gu Dail Beithich airson obair fhaighinn anns na cuaraidhean. An diugh tha an cuid as motha de na daoine ag obair ann an Dùn Phris.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1469 mar Dalbaty.[1] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[3] agus seachd duine thar fhichead eile san Dàrna Cogadh. Bha Faisisteachas[4] uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an 1934, far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.[5]
Daoine ainmeil
deasaich- Alister Jack, Rùnaire na Stàite airson Alba
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Dalbeattie”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Livingston, Alistair (28mh dhen Fhaoilleach 2014): “The Cradle of Fascism in Scotland”. Radical Independence Dumfries & Galloway. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.
- ↑ Wood, Ian S. (28mh dhen Ògmhios 2013): “Here comes Hitler,” ann an: Scottish Review of Books. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2019.
Ceanglaichean a-mach
deasaichAn Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm