Dòmhnall Grannd
Bha Dòmhnall Grannd (1903-1970) (Beurla Donald Grant) ’na mhaighstir sgoile agus ’na sgrìobhadair Gàidhlig. Chaidh a chrùnadh mar bhàrd aig Mòd Nàiseanta 1935. Bha e ’na fhear-eagrachaidh air An Gaidheal bho 1962 gu 1964, ’na cheann-suidhe air An Comunn Gaidhealach bho 1965 gu 1968[1], agus ’na cheann-suidhe air Comunn Sgitheanach Ghlaschu. Sgrìobh e sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche agus bàrdachd, torr dheth éibhinn.
Dòmhnall Grannd | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Slèite, 25 dhen Fhaoilleach 1903 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Ibiza, 1 dhen Ghearran 1970 |
Foghlam | |
Foghlam |
Àrd-sgoil Phort Rìgh Oilthigh Ghlaschu Colaiste Chnoc Iòrdain |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, camanaiche, neach-teagaisg agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Beatha
deasaichRugadh Dòmhnall Grannd air 25 am Faoilleach, 1903 ann an Camas Cros, Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. B’ esan am fear a bʼ òige den chlann aig Dòmhnall Grannd (Dòmhnall ʼic Dhòmhnaill ʼic Iain ʼic Dhòmhnaill) agus Cairistìona Nic aʼ Phearsain (Cairistìona Ghileasbaig [Ruaidh] Sheumais Chaluim, 1867-1919). Bha a bhràthair, Aonghas, agus piuthar, Catrìona. Nuair nach robh e ach trì bliadhna dʼ aois, chaochail a athair ann an Rouen san Fhraing an-dèidh dha fàs tinn aig muir le grèim mionaich. Ach rud a thug buaidh na bu mhotha air, bʼ e gun do bhàsaich a mhàthair nur a bha e 16 bliadhna d’ aois[2].
Chaidh e gu Bun-sgoil Dhuisdeil, an uair sin Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do rinn e ceumannan MA agus Ed.B. An dèidh sin rinn e ceum BA aig Oilthigh Lunnainn. Bhuannaich e “Gorm” airson Camanachd aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ʼna chaiptean aig sgioba Ghlaschu an Eilein Sgitheanaich. Thòisich e a’ teagasg ann an 1926 aig Àrd-sgoil Cheann Loch Gilb, agus an uair sin ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu: Washington Street, Eastbank agus Broomhill. Ann an 1935 chaidh a chrùnadh mar Bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Èideann airson an dàin a sgrìobh e, “An Uilebheist is na Foghlamaich”. Ann an 1936 phòs e Mairead NicAonghais à Càrdainn Ros. Bha na pàrantan aicese bho Chamas Cros agus Cnòideart. Bha dithis chloinne aca, Innes agus Kirsteen.
Ann an 1951 bhuannaich e a’ chiad duais anns an fharpais bhàrdachd Ghàidhlig aig Comhairle Ealain na Breatainne. Bho 1951 gu 1954, ghabh e obair, pàirt-tìde mar òraidiche Gàidhlig ann an Colaiste Chnoc Iòrdain. Bha e an sàs ann an dràma Gàidhlig - bhuain e duais airson a' chleasaiche a b’ fhearr, agus a' chiad duais dà thuras airson dealbh-chluich ùr. Bha e na stiùiriche-ciùil aig còisirean, mar eisimpleir Còisir Ghàidhlig Knightswood. Bha torr shuidheachaidhean oifigeil aige sna buidhnean Gàidhlig. Mar eisimpleir Rùnaire agus Ceann-suidhe aig Comunn Sgitheanach Ghlaschu, Ceann-suidhe aig Aitreabh nan Gàidheal 1958-1960, Ceann-suidhe aig An Comunn Gàidhealach 1965-1968, agus Rùnaire agus Ceann-suidhe aig a' Chòmhdhail Cheilteach. Anns na seasgadan gu ma tric bha e na chraoladair agus na leughadair-naidheachd air Rèidio nan Gàidheil. Dheasaich e leabhraichean sgoile airson An Comann Gàidhealach agus cuideachd an iris aca, An Gàidheal, 1962-1964. Mar an ceudna sgrìobh e uaireigin do Sruth agus Gairm. Ann an 1968, leig e dheth a dhreuchd agus thill e gu Camas Cros san Eilean Sgitheanach. Chaochail e nuair a bha e air làithean-saora ann an Ibiza, air a' chiad latha den Gearran, 1970. Ann an 1971, dh'fhoillsicheadh taghadh den obair aige, Tìr an Àigh, ann an Glaschu. Thug seo a-steach sgeulachdan goirid is dealbhan-cluiche is bàrdachd.
Dh'fhuirich a bhantrach, Mairead, ann an Camas Chros dà bliadhna air fhichead an dèidh sin, ach chaochail i ann am Baile Eilidh ann an 2006. Tha an nighean aca, Kirsteen na seinneadair Gàidhlig ainmeil. Fhuair i am bonn òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1964.
Iomraidhean
deasaich- ↑ MacCalmain, T.M. (1971) 'Gaidheal gu Chùl' in D. Grannd "Tìr an Àigh" deas. le Iain A. MacDhòmhnaill, Glaschu: Gairm, d.7
- ↑ An Tuil, 1999, air a dheasachadh le Raghnall Mac Ille Dhuibh