A' Chòmhdhail Cheilteach
’S e comann cultarail pan-Cheilteach a tha sa Chòmhdhail Cheilteach
- Gaeilge: An Chomhdháil Cheilteach
- Manainnis: Yn Cohaglym Celtiagh
- Cuimris: Y Gyngres Geltaidd
- Còrnish: An Guntelles Keltek
- Breatannais: Ar C’hendalc’h Keltiek
a tha a’ feuchainn ri na cànanan ceilteacha gu léir a neartachadh. Chaidh a chiad chòmhdhail a chumail ann am Baile Àtha Cliath ann an 1901, ach b’ ann sa bhliadhna 1917 a chaidh am buidheann a stéidheachadh le Edward John, a bha ’na bhall-pàrlaimaide airson Dwyrain Sir Ddinbych bho 1910 gu 1918.
’S e buidheann carthannach neo-phoilitigeach a th’ anns a’ Chòmhdhail Cheilteach Eadar-nàiseanta, agus ’s e an t-amas aice “dùchas agus cànanan nam pobalan Ceilteach a ghléidheadh, agus ceangal inntleachdail agus co-obrachadh dlùth a chumail eadar na coimhearsnachdan Ceilteach fa-leth”. Mar sin, chan ionann i agus an Comann Eadar-Cheilteach, buidheann a sgaraich gu càirdeil bhon Chòmhdhail Cheilteach ann an 1961 gus a bhith a’ dìreach cuideachd air amasan politigeach – ged a tha móran de dh’amasan agus de bhuill an cumantas aig an dà bhuidheann.
Tha a’ Chòmhdhail Cheilteach a’ feuchainn ri comh-labhairt eadar-nàiseanta bliadhnail a chumail ann an aon de na sia dùthchannan Ceilteach, a réir cuairteachadh stèidhichte eadar na dùthchannan nuair a ghabhas sin a dhèanamh.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- A’ Chòmhdhail Cheilteach (làrach-lìn oifigeil)