B' e bancair, clò-bhuailtear agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Jón Baldvinsson.[1] Rugadh e air 20 an Dùbhlachd 1882 faisg air Ísafjörður (Vestfirðir). Rinn e preantasachd còmhla ri ann an Ísafjörður eadar 1897 - 1901. An uair sin bha e na chlò-bhuailtear ann am Bessastaðir agus Reykjavík, gu ruige 1918. Bha esan a-measg an feadhainn a stèidhich Alþýðuflokkurinn ann an Reykjavík ann an 1916. B' e esan a bh' anns a' chiad þingmaður (Gàidhlig: ball-pàrlamaid) a' phàrtaidh nuair a chaidh a thaghadh dhan Alþingi ann an 1920.[2] Bha e cuideachd na cathraiche a' phàrtaidh bho 1916 gu ruige 1938. B' e Baldvinsson a' chiad neach-lagh a mhol lagh air fois nam maraichean, air an robh Achd nan Uisgeachan. Chaochail e ann an Reykjavík ann an 1938.[3]

Jón Baldvinsson
Beatha
Breith 20 dhen Dùbhlachd 1882
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs 17 dhen Mhàrt 1938
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs

Iomraidhean

deasaich
  1. Alþingi
  2. Alþýðublaðið
  3. Einkaskjol

Ceanglaichean a-mach

deasaich