Ciudad Real
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Ciudad Real
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran 38° 59' 21' Tuath
03° 55' 13' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 284.98 km²
Àireamh-shluaigh 74,427 (2009)
Dlùths 261.17/km²
Àireamh fòn + 34 926
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Toledo ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal). Tha e suidhichte aig 628m os cionn ìre na mara,[1] 204km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 583km bho Bharcelona.[2] Tha 74,427 duine a’ fuireach ann an Ciudad Real.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Ciudad Real a th' ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ciudad (Gàidhlig: baile mòr) agus real (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin Baile Rìoghail dhuinn sa chànan againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an 1255[4] o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na Ridirean Calatrava.[5] B' e Pozuelo Seco de Don Gil (Gàidhlig: Tobar Thiomram Mhaighstir GhillEasbaig) a bh' ann an t-seann ainm.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile stèidheachadh ann an 1255 leis an Rìgh Alfonso X mar dhaingneachadh an aghaidh nan Ridirean Calatrava. Shabaideadh iad an aghaidh nam Muslamach agus Riaghaltas na Spàinne aig an aon àm. A dh'aindeoin sin, b' e àite far an robh Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh'aimeachadh Ciudad Real prìomh-bhaile na sgìre La Mancha ann an 1691, rud an tug sin piseach air eaconomaidh a' bhaile.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[8]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Ciudad Real.[9] Cha tuit ach 402mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 701mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[10] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Ciudad Real, 1500-1750: Growth, Crisis, and Readjustment in the Spanish Economy, Rahn Phillips C., HUP, Cambridge, Massachusetts, 1979
  5. Arte e Historia
  6. Medrano y Treviño D, Consideraciones sobre el Estado Económico, Moral y Político de la Provincia de Ciudad Real, Instituto de Estudios Manchegos, 1841
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Thomas H., La Guerra Civil Española, Paris, Ruedo Ibérico, Paris, 1976
  9. Climate Data
  10. Aemet

Ceanglaichean A-mach

deasaich