Târgoviște
Târgoviște
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Dâmbovița | ||||
Co-chomharran | 44° 55 28' Tuath 25° 27 26' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 50.40 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 79,610 (2011) | ||||
Dlùths | 1,579.56/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 45 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Pitești agus Ploieşti, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann an Târgoviște (IPA: tɨrˈɡoviʃte, Gearmailtis: Tergowisch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ialomița, aig 292m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Dâmbovița. Tha 79,610 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
deasaich'S ann às an fhacal търг (Gàidhlig: Margaidh) ann am Bulgàiris agus an t-iar-leasachan -ești s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1396. B' ann ann an Târgoviște a bha Vlad Țepeș air a chrùnadh ann an 1456.[3] Bha e na phrìomh-bhaile Prionnsalachd Tìr nan Romàinianach (Romàinis: Principatul Țării Românească) eadar 1418 agus 1659. Thog Matei Basarab mùr mu timcheall a' bhaile agus sgeadaich e an eaglais. B' ann ann an Târgoviște air 25 an Dùbhlachd 1989 a chaidh Nicolae Ceauşescu agus a bhean dhìteadh le chùirt armailteach agus a chur gu bàs.[4]
Daoine ainmeil
deasaichBailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Institutul Național de Statistică.
- ↑ Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
- ↑ Thomas M. Bohn, Adrian Gheorghe, Albert Weber: Corpus Draculianum. Dokumente und Chroniken zum walachischen Fürsten Vlad dem Pfähler 1448–1650. Band 3: Die Überlieferung aus dem Osmanischen Reich. Postbyzantinische und osmanische Autoren. Harrassowitz, Wiesbaden, 2013, ISBN 978-3-447-06989-2.
- ↑ Behr, E. (1991). Kiss the hand you cannot bite: the rise and fall of the Ceaușescus, Lunnainn, Hamish Hamilton.