Santander
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Santander
Sgìre Cantàbria
Co-chomharran 43° 28′ 00″ Tuath
03° 48′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.76 km²
Àireamh-shluaigh 177,123 (2014)
Dlùths 5,095.6/km²
Àireamh fòn 942
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile mòr agus port gu math cudromach ann an Cantàbria (An Spàinn) a th' ann an Santander (IPA: santanˈder). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 15m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Shantander fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1248. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e am port, turasachd,na bataichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 177,123 duine a' fuireach ann. Chan eil eucoir na trioblaid mhòr an seo.[1]

Freumahn an Ainm

deasaich

'S ann à sanct (naomh) agus Ander (Anndra) ann an seann Spàinntis a tha ainm a' bhaile. Bheireadh sin Cill Anndra neo Baile Anndra dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh.[2] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Portus Sanctorum Emeterii et Celedonii (Sancti Emetherii > Sancti Emderii > Sanct Endere > San Andero > Santendere > Santanderio > Santander).

Eachdraidh

deasaich

Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port, air an robh Portus Victoriae Iuliobrigensium.[3] Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an 1068. Ann an 1158 fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an 1296 agus 1311 Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1858.[4] Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata Cabo Machichaco ann an 1893. Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a làimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1937. Chaidh 90,000 saighdear a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.[5] Chaidh Oilthigh Cantàbria a stèidheachadh an seo ann an 1972.[6]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Santander .[7] Tuit 1129mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - dìreach 44mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinnː

 

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Diario Montañés
  2. Fernández González, Lorena (2002). Santander una ciudad Medieval. Estvdio. ISBN 9788495742056
  3. Regio Cantabrorum
  4. Alar Santander
  5. Diario Montañés
  6. UNICAN
  7. Aemet
  8. Matilde Camus