Beinn Eighe
'S e beinn mhòr no aonach ann an Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Eighe. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon iar dhan ear le trì dromannan a' sìneadh bhuaithe dhan tuath. Tha mu ochd mullaich aige, agus tha dà dhiubh nam Beanntan Rothaich: Ruadh Stac mòr (1010m) agus Spidean Coire nan Clach (993m). Tha e san tuath de Ghleann Toirbheartan eadar baile Thoirbheartan agus Ceann Loch Iù. Tha e mar phàirt de Thèarmann Nàdair Beinn Eighe. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air an inneal eighe[1].
Beinn Eighe | |
---|---|
Druim Beinn Eighe bho Spidean Coire nan Clach. Liathach sa chùl | |
Àirde (m) | 1,010 |
Àirde (tr) | 3,313 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Toirbheartan |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NG95146115 |
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A896 agus a' coiseachd air cùlaibh Liathaich a Choire Mhic Fhearchair. Bidh seo tarraingeach fiù 's do dhaoine nach eil ag amas air na mullaichean. Tha balla creige ainmeil anns a' choire, an Triple Buttress, a tha tarraingeach do luchd-streap. Leanaidh ceum aig ceann a' choire suas dhan druim. Leanar an druim gu Ruadh Stac Mòr, a' tilleadh agus a' leantainn an droma gu Spidean Coire nan Clach. Bidh a' mhòrchuid dìreach airson na Beanntan Rothaich a' streap, agus cromaidh iad an uair sin gu dìreach air ais dhan rathad.[2]. Ge-tà, tha e tarraingeach an druim air fad a' leantainn dhan iar.
Tha Beinn Eighe diofraichte bho na beanntan Toirbheartanach timcheall oirre leis gu bheil clach-quarz Cambrach air na mullaichean aige, a tha a' coimhead soilleir geal.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Liathach, Beinn Àilleagain, Loch Ma-ruibhe, Slìoch, Na Fanaichean, An Teallach agus beanntan Achadh an Iasgair.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991: Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust.
- ↑ Beinn Eighe air Walkhighlands
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Beinn Eighe air Munromagic
- BBC Naidheachdan 2013-03-12: 70 bliadhna bho thubaist Bheinn Eighe (tubaist plèana ann an 1951)