'S e beinn ann an Afraig an Iar air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr nan Ceathramhnan. Tha i 1,151 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte air faisg air Gleann Afraig agus Gleann Ealchaig ann an sgìre glè iomallach. Tha an t-ainm a' tighinn bho ceathramh, na ceithir pàirtean den tìr, a tha a' bheinn seo a' roinn[1]. Tha ceithir dromannan a' ruith sìos bhon mhullach agus feumar a bhith cùramach air cromadh anns a' cheò. Tha trì mullaichean air druim a tuath, Stuc Bheag (1075 m), Stuc Mòr (1041 m) agus Stob Fraoch Choire (918 m). Tha mullach air druim an iar (1143 m), agus Stob Coire na Cloiche 915 m) air druim an ear.

Sgùrr nan Ceathramhnan

Sgùrr nan Ceathreamhnan bho Mhàm Sodhail, 5 km san ear-thuath. Beanntan Chinn Tàile sa chùl
Àirde (m) 1151
Àirde rinneach (m) 435
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Suidheachadh Gleann Afraig
Mapa cumadh-tìre Landranger 25, 33
Comharradh-clèithe NH056228

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig (anns an ostail no a' campachadh), agus ga dhìreadh bho Allt Beithe. Bidh cuid ga cheangal leis an t-Socach agus Mullach na Dheireagain[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Beinn Fhada, An Socach, Beinn Fhionnlaidh, Càrn Eige, Cill Fhaolain, Gleann Afraig agus beanntan Chinn Tàile.

Iomraidhean

deasaich
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 85
  2. Sgùrr nan Ceathramhnan air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: