Liathach
'S e beinn ann an Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Liathach. Tha mu shia mullaich aige, agus tha dà dhiubh, Spidean a' Choire Lèith (1055 m) agus Mullach an Rathain (1023m), nam Beanntan Rothaich. Tha e san tuath de Ghleann Toirbheartan. 'S e Clach-ghainmhich Thoirbheartanach a th' anns a' chreig, agus chithear na striopan a tha e a' cruthachadh bho astar. 'S e comharra sònraichte do bheanntan Thoirbheartan a th' ann.
Liathach | |
---|---|
Liathach bho Loch Clair | |
Àirde (m) | 1,055 |
Àirde (tr) | 3,461 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Toirbheartan |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NG92955797 |
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A896 agus a' tòiseachadh san ear, a' coiseachd dhan iar. Tha am pàirt eadar an dà mhullach sin gu tric caol agus cas, agus tha iomadh binnean ri streap air an t-slighe[1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Beinn Eighe, Beinn Àilleagain, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, agus na h-Eileanan Siar.