Barichara
Barichara
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Santander | ||||
Àirde | 1366m | ||||
Co-chomharran | 6° 38' 20 Tuath 73° 14' 59 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 134 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,063 (2005) | ||||
Dlùths | 52.71/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Bharichara |
S´e baile beag ann an Santander, (Coloimbia)[1] a th' ann am Barichara. Chaidh e a dh' ainmeachadh Làrach Dhualchas na Cruinne aig ìre nàiseanta ann an 1978[2] agus tha e suidhichte air leathad àrd. S' e "am baile beag nas àlainne ann an Coloimbia" am far-ainm aige agus a bharrachd air sin s' e an aon bhaile ann an Coloimbia far nach eil ach toglaichean cloiche agus tha ailtireachd bho anmannan nan Spàinnteach ann fhathast. Tha am baile suidhichte aig 340km air falbh bho Bhogotá agus 118km bho Bhucaramanga, [3] aig 1,300m os cionn ìre na mara. Tha teodhachd mheadhanach dhe 21 ºC ann air feadh na bliadhna. Tha àireamh-shluaigh dhe 7063 aige.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1705.
Freumhan an Ainm
deasaichFhuair am baile an t-ainm aige bhon allt Barichara a tha dìreach ris a thaobh.[5]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 7,651 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 4,997 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th' ann am Barichara fhathast.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Barichara, ach tha 1.3% dhe Tùsanaich agus 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 89.9% dhe na daoine ann an Barichara leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 31.3% dhe na dachannan.[8]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Barichara. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil
deasaich- Francisco Pradilla y Ayerbe: Riaghladair Spàinnteach
- Isaías Ardila Díaz: Sagart
- Aquileo Parra Gómez: Ceann-suidhe na Dùthcha
- Miguel Durán López: Ceòladair
Àiteachan Inntinneach
deasaich- Taigh Cultarail
- An Taigh aig Aquileo Parra Gómez
- A’ Chathair-eaglais
- Seapail an Naoimh Antaine
- Seipeil Naomh Barabail
- Seallaidhean Brèagha
- Stùc a’ Mhuncaidh
- Taigh-oibre na h-Ealaine agus na Ceàird
- Pàirc na h-Ealain
- Taigh-oibre agus Gailearaidhean na Ealain
Ùirsgeul Mìorbhail na Cloiche
deasaichThachairt sin aig toiseach tòisichidh an 18mh linne, anns a’ bhliadhna 1702, mar a dh’innseas an t-Ùirsgeul, nuair a chunnaic croitear an sgìre an Naomh Moire.
Thachairt an gnothach sin air chloich far an do nochd ìomhaigh snaighte shoilleir an Naoimh Mhoire. Chaidh naidheachd na mìorbhail ga sgaoileadh fad is farsaing agus dh’fhàs a’ chlach a bhith na adhbhar adhradh an t-sluaigh. Cho-dhùin daoine an sgìre eaglais a thogail, ged nach do chreid sagart an sgìre a' mhìorbhail co-dhiù.
Bhrosnaich an tachartas sin an Spàinnteach Francisco Pradilla y Ayerbe baile beag a stèidheachadh ann an 1705. Stèidhich e am baile beag San Gil cuideachd.[10] Chaidh am parraiste, ga thogail anns a’ bhliadhna 1751, a dh'ainmeachadh Vara-florida bho thùs, an uair sin Vara-echada agus mu dheireadh thall Barichara, neo "àite na foise" ann an Guane, cànan Tùsanach co-cheangailte ris an Chibcha.[11] Cha do ghabh an Eaglais ris gu robh ìomhaigh na cloiche ann idir.
Ailtireachd a' Bhaile
deasaichTha Barichara ga thogail le clach:[12] tha na sràidean, taighean, eaglaisean agus gu seach àraidh an cladh aige gu math sònraichte air sàilleabh na h-uinneagan is na h-obrach-mheatailt aca is a h-uile càil eile ga thogail le clach bhuidhe. 'S e sàr obair annasach a th' ann Cathair-eaglais Mhoire gun Smal (mar chuimhne Naomh Moire na Cloiche (Spàinntis: La Virgen de la Roca), is i ga cumail suas le 10 colbhan snaighte mar thùrsa, le àirde dhe 5m agus tiughad dhe 7m. Thathar a' ràdh gu bheil a’ Chathair-eaglais sin coltach ris a’ Bhatacain.[13]
Chaidh an t-seann bhaile eachdraidheil dhe Bharichara a dh’ainmeachadh Làrach Cuimhneachaidh nàiseanta 3mh an Lùnasdal 1978 leis gur e deagh eisimpleir dhe leasachadh cathaireil neo-fhoirmeil anns an dòigh Andalusianach, agus leis gu bheil an t-seann bhaile ann an deagh stàit glèidhteachais, is a h-uile càil bho dheireadh an 18mh linne agus tha blas na linntean siud ann fhathast.[14]
Chan eil Guane,[15] àite gu math eachdraidheil, ach aig 9km bho Bharichara. Chaidh e a lorg le Martín Galeano ann an 1540,[16] agus tha Taigh-tasgaidh na h-Àrsaidheachd agus Eaglais an Naoimh Lucía ann, a bharrachd air iomadh togalach inntinneach ann an siud.
Ceanglaichean A-mach
deasaich- Taringa: Mi pueblo Barichara (Spàinntis)
- Fotopaises (Spàinntis)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Panoramacolombia
- ↑ Baricharavive
- ↑ Cunntas-sluaigh 2005
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
- ↑ Ayerbe.home Ayerbe
- ↑ Pueblo Guane
- ↑ Cosas de Familia
- ↑ Turiscolombia
- ↑ Cosas de Familia
- ↑ Colombia.com
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango