Loch Mullardoch
Co-chomharran: 57°20′00″N 5°00′00″W / 57.333333°N 5°W
'S e loch tasgaidh stèision dealan-uisge ann an Alba a tha ann an Loch Mullardoch (ainm eile: Loch Moyley)[1]. Tha e suidhichte ann an Gleann Canaich air a' Ghàidhealtachd.
A rèir suirbhidh a rinneadh ann an 1903 bha an loch mu 4 mìle (6 km) a dh'fhad agus bha an leud aige leth-mhìle (800 m) aig an àite as leathainne. [2] Chaidh dama a thogail ann an 1951 aig ceann an ear. Bha lochan eile air an robh na h-ainmean Loch Lungard, Loch Frith an Acha' agus Lochan na Cloiche suidhichte aig ceann an iar Loch Mullardoch. Bhon àm nuair a chaidh an dama a thogail tha iad nam pàirt den loch tasgaidh gu lèir.[3] An-diugh tha Loch Mullardoch mu 10 mìle (16 km) a dh'fhad.[4] Tha uisge Loch Mullardoch a' sruthadh tro thunail do Loch Beinn a' Mheadhoin airson dealain-uisge a chruthachadh.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Gazetteer for Scotland "River Cannich"
- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 342, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ 3.0 3.1 Dama agus stèisein dealan-uisge Loch Mullardoch
- ↑ British Lakes[dead link]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910). Seann mhapa an locha
- Gazetteer for Scotland Fios agus mapaichean(Beurla)
- Gleann Canaich Fios agus dealbhan (Beurla)
Dealbhan
deasaich-
Loch Mullardoch
-
Dama Loch Mullardoch
-
Loch Mullardoch