'S e beinn ann an Afraig an Iar air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an t-Socach. Tha e 921 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte os cionn Allt Beithe ann an Gleann Afraig ann an sgìre glè iomallach. Tha an t-ainm a' ciallachadh sròn muice[1]. Feumar a bhith cùramach, oir tha beinn eile leis an ainm An Socach os cionn Loch Mullardoch ann am Frìth Beinn Fhionnlaidh an Ear.

An Socach (Gleann Afraig)

Mullach An t-Socaich, Màm Sodhail agus Càrn Eige sa Chùl
Àirde (m) 921
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
An Socach (Gleann Afraig) is located in Alba
An Socach (Gleann Afraig)
An Socach (Gleann Afraig) (Alba)
Suidheachadh Gleann Afraig
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NH088230

'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Mar as trice bithear a' fuireach ann an Gleann Afraig (anns an ostail no a' campachadh), agus ga dhìreadh bho Allt Beithe tro Choire na Cloiche. Tha e reusanta a bhith ga cheangal le Sgùrr nan Ceathramhnan, agus bidh an fheadhainn èasgaidh ga cheangal cuideachd le Màm Sodhail, Càrn Eige agus Beinn Fhionnlaidh air neo le Mullach na Dheiragain [2]. tha dromanan fada a' ceangal nam beann seo uile ri chèile agus fhaodadh coiseachd fad làithean.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Gleann Afraig, Oighreachd Mhonar, Cinn Tàile agus Loch Mullardoch.

Iomraidhean

deasaich
  1. Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 93
  2. An Socach, Sgùrr nan Ceathramhnan agus Mullach na Dheiragain air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich