Càrn Eige
'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Càrn Eige, cuideachd Càrn Eighe. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha i 1,183m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon tuath dhan deas bho Loch Mullardoch gu Màm Sodhail, agus 's iad Càrn Eige agus Màm Sodhail an dà bheinn as àirde air taobh an iar a' Ghlinne Mhòir. Is coltach gun tig an t-ainm bho eag leis gu bheil an druim car eagach, air neo bho inneal croitearachd leis an ainm sin. Bhiodh sin a' ceangal leis an ath bheinn, Màm Sodhail (Sabhail)[1].
Càrn Eige | |
---|---|
Càrn Eige bho Mhàm Sodhail | |
Àirde (m) | 1,183 |
Àirde (tr) | 3,881 |
Àirde rinneach (m) | 1147 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Frìth Beinn Fhionnlaidh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 Explorer 414N |
Comharradh-clèithe | NH123261 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Bithear uaireannan ga ceangal le Màm Sodhail, agus Beinn Fhionnlaidh no le Tom a' Chòinnich, Toll Easa agus Toll Creagach. Tha Càrn Eige a' ceangal an dà dhruim seo ri chèile, aon a' ruith bhon iar dhan ear agus aon bhon tuath dhan deas. Dh'fhaodadh tòiseachadh bho Ghleann Afraig[2] no bho thaobh Loch Mullardoch.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Loch Mullardoch, Gleann Canaich, Beanntan Cill Fhaolain agus Gleann Afraig.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 12
- ↑ Beinn Fhionnlaidh, Càrn Eige agus Màm Sodhail air Walkhighlands