Beinn Fhionnlaidh
'S e beinn air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Fhionnlaidh. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Loch Mullardoch agus Gleann Afraig. Tha i 1,005 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada a' sìneadh bhon tuath dhan deas bho Loch Mullardoch gu Càrn Eige agus Màm Sodhail. A rèir coltais chaidh a h-ainmeachadh às dèidh geamair ann an Cinn Tàile air an robh caise uabhasach[1].
Beinn Fhionnlaidh | |
---|---|
Beinn Fhionnlaidh bho Chàrn Eige | |
Àirde (m) | 1,005 |
Àirde (tr) | 3,297 |
Àirde rinneach (m) | 173 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Canaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25 |
Comharradh-clèithe | NH115282 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Bithear uaireannan ga ceangal le Càrn Eige agus Màm Sodhail, no Tom a' Chòinnich agus Toll Easa. Tha druim fada a' ceangal nam beann seo uile còmhla agus dh'fhaodadh coiseachd fad làithean. Dh'fhaodadh tòiseachadh bho Ghleann Afraig[2] no bho thaobh Loch Mullardoch.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Loch Mullardoch, Gleann Canaich, Beanntan Cill Fhaolain agus Gleann Afraig.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 189
- ↑ Beinn Fhionnlaidh, Càrn Eige agus Màm Sodhail air Walkhighlands