Comhairle Mhoireibh
Comhairle Mhoireibh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Poileataigs | |
Smachd | Neo-eisimileach/Na Tòraidhean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,238 km² |
Àireamh-shluaigh | 93,000 (2010) |
Dlùths | 41.55/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.moray.gov.uk/ |
'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Mhoireibh (Beurla: Moray Council).
Suidheachadh
deasaichTha i suidhichte air àird an ear-thuath na h-Alba. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air àird an iar dhith agus tha Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain air àird an ear-dheas. Tha i suidhichte air bruach Linne Mhoireibh.
Chaidh a' chomhairle a chur air bhonn ann an 1996. Tha i a' gabhail a-steach an t-siorrachd traidiseanta Moireibh agus pàirt dhen t-Siorrachd Bhanbh.
Poileataigs
deasaichTha 10 comhairlichean neo-eisimileach, 11 comhairlichean Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, 2 Pàrtaidh Làbarach na h-Alba agus 3 Tòraidhean air a' chomhairle.[1]
Eachdraidh
deasaichBhathar a’ bruidhinn na Gàidhlig ann am Moireibh, eadar rìoghachd, siorrachd, sgìre no àrainn comhairle a bh’ ann, mus tàinig rìoghachd na h-Alba gu bith. B’ i a’ Ghàidhlig a bh’ aig muinntir dùthaich MhicBheatha, ’s aig a’ chuid mhòir de mhuinntir na h-Alba. B’ ann mar sin a dh’fhan cùisean fad linntean ged a bha bailtean mar Eilginn is Farrais nan tarraing do luchd-ciùird Gallda is Fleamach bho na Linntean Meadhanach a-mach.[2]
Bailtean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Comhairle Mhoireibh
- Taisbeanadh: Mac an Tàilleir, Iain (2023): “A’ Ghàidhlig ann am Moireibh”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2023 (pptx).
- Pàipear: Mac an Tàilleir, Iain (2023): “A’ Ghàidhlig ann am Moireibh/Gaelic in Moray”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2023 (pdf).
Iomraidhean
deasaich- ↑ Cò tha an comhairliche agaibh? (Beurla)
- ↑ [[ https://www3.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/suil/Moireibh.pdf. A’ Ghàidhlig ann am Moireibh]]
Comhairle Arcaibh | Comhairle Aonghais | Comhairle Baile Dhùn Dè | Comhairle Baile Dhùn Èideann | Comhairle Baile Ghlaschu | Comhairle Baile Obar Dheathain | Comhairle Chrìochan na h-Alba | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear | Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar | Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh | Comhairle na Eaglaise Brice | Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid | Comhairle nan Eilean Siar | Comhairle Fhìobha | Comhairle na Gàidhealtachd | Comhairle Inbhir Chluaidh | Comhairle Lodainn an Ear | Comhairle Lodainn an Iar | Comhairle Lodainn Mheadhanaich | Comhairle Mhoireibh | Comhairle Pheairt is Cheann Rois | Comhairle Siorrachd Àir a Deas | Comhairle Siorrachd Àir an Ear | Comhairle Siorrachd Àir a Tuath | Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann | Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas | Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath | Comhairle Siorrachd Obar Dheathain | Comhairle Siorrachd Rinn Friù | Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear | Comhairle Shealtainn | Comhairle Shruighlea |