Fosgail am prìomh chlàr-taice
Inbhir Losaidh

'S e baile ann am Moireabh a tha ann an Inbhir Lòsaidh (Beurla: Lossiemouth). [1][2] 'S e sin am baile as fhaide tuath air còrsa a deas den Linne Mhoireibh. Tha e suidhichte aig inbhir Abhainn Losaidh. Tha tràigh gainmhich agus stèisean den Royal Air Force, an RAF Lossiemouth iar air a’ bhaile.

'S e seo na co-chomharran aige: 57° 43′ 8.04″ Tuath agus 3° 17′ 15″ Iar.

Ann an 2001 bha 6,803 duine a' fuireach an seo. [3]

Bha daoine a' fuireach anns an àite seo nas motha na 1,000 bliadhna, ach chaidh am baile mar a tha e an-diugh a stèidheachadh anns na 250 bhliadhna mu dheireadh. B’ e Stotfield a’ chiad tuineachadh a bh’ ann agus an uair sin Seatown, baile beag iasgaich. Anns an 18mh linn chaidh Inbhir Losaidh a chur air bhonn còmhla ris a’ phort mara ùr. Anns an 19mh linn chaidh am baile Branderburgh ri chèile leis na trì bailtean eile mar coimhearsnachd Inbhir Losaidh.

Daoine ainmeilDeasaich

Rugadh Ramsaigh MacDhòmhnaill, prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte, an seo san 12 an Dàmhair 1866.

IomraidheanDeasaich

Ceanglaichean a-machDeasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 233 706
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: