Inbhir Èireann
'S e baile ann am Moireabh a tha ann an Inbhir Èireann (Beurla: Findhorn).[1] Tha am baile suidhichte dìreach deas air Linne Mhoireibh. Tha Inbhir Èireann mu 3 mìltean iar-thuath air Cinn Lois agus mu 9 mìltean air falbh bho Fharrais. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 39′ 32.4″ Tuath agus 3° 36′ 39.6″ Iar.
Ann an 2001 bha 885 duine a' fuireach an seo. [2]
Anns an 17mh b’ e Inbhir Èireann am port mara a bu chudromaiche ann am Moireibh, bha bàtaichean a’ dol bhon an seo chun a h-uile port mara anns a' Chuan a Tuath agus gu bailtean timcheall Am Muir Baltach cuideachd.
Anns an 19mh bha gnìomhachas iasgaich gu math làidir anns a' bhaile.
'S e an taigh-seinnse Crown and Anchor Inn an togalach as sine anns a' baile, chaidh a thogail ann an 1739.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 47, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn Cinn Lois is Inbhir Èireann
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 039 643