B’ iad na Meadhan-aoisean anns an Roinn-Eòrpa na linntean eadar tuiteam na h-Ìmpireachd Ròmanaiche agus an t-ath-bheòthachadh san Eadailt.

Caisteal, Monte San Giovanni Campano, An Eadailt

Aig an àm seo thàinig Crìostaidheachd agus na Lochlannaich gu ranntairean far a bheil Alba an-diugh. Chaidh Rìoghachd na h-Alba a stèidheachadh. Bha strì eadar rìghrean na h-Alba agus rìghrean Shasainn mu dheas, agus eadar rìghrean na h-Alba agus iarlan Arcaibh is Tighearnan nan Eilean mu thuath. Thàinig baranan às an Fhraing agus thug an Rìgh fearann dhaibh. Chaidh borghan a stèidheachadh air feadh na Galldachd ach is gann borghan air a' Ghàidhealtachd.[1]

Iomraidhean deasaich

  1. The Medieval Highlands”. Clàr Àrainneachd Eachdraidheil na Gàidhealtachd. Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2023.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: