Alasdair Allan
Is e Ball Pàrlamaid na h-Alba a tha ann an Alasdair Allan. Tha e na bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Na h-Eileanan an Iar.
Bho 7 an Dùbhlachd 2011 bha e air a bhith 'na Mhinistear airson Foghlam, Saidheans agus Cànanan na h-Alba gu 2016 nuair an deach e 'na Mhinistear airson Leasachaidh Eadar-Nàiseanta agus Eòrpa[1] ach chaill e an dreuchd seo nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2] Tha Gàidhlig fhileanta aige agus Albais. Sgrìobh e tràchdas PhD mu dheidhinn na h-Albais, anns an Albais fhéin.[3]
Rinn e iomairt airson a' Ghàidhlig nochdadh air Duolingo is i soirbheachail.[4]
Is ann às na Crìochan a tha e. Rugadh e ann an Ashkirk ann an 1971. Chaidh e gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain. As dèidh sin, dh'obraich e airson Eaglais na h-Alba mar oifigear naidheachd agus airson a' Phàrtaidh Nàiseanta ann an Ceann Phàdraig agus ann an Dùn Èideann. Tha e a' seinn ann an Còisir Sgìre a' Bhac.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Minister for International Development and Europe”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbeis”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Ògmhios 2018. Air a thogail 28mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ British Library: New Founs fae Auld Larachs: leid-plannin for Scots (Beurla Ghallda). Air a tharraing 25 an Giblean 2016.
- ↑ “A' Ghàidhlig gu bhith air seirbheis ionnsachaidh air-loidhne eadar-nàiseanta”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
- ↑ “Alasdair Allan: Personal Information” (Beurla agus Gàidhlig). Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2016.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn oifigeil
- BBC Naidheachdan 2016-03-04: Fosgladh-oifigeil Bun-sgoil Gàidhlig Loch Abair (aithris bhideo 2:30, Alasdair Allan a’ fosgladh na sgoile)
- Alasdair Allan a’ labhairt aig An t-Alltan 2011 (bhideo 7:11)
- An t-Albannach 2012-07-15: Alasdair Allan: Gàidhlig air an Rathad
- BBC Naidheachdan 2021-05-09: Alasdair Allan a' tilleadh a Holyrood (aithris-bhideo 3:49)
Buill sgìreil | Liam MacArtair (Arcaibh) • Jenni Minto (Earra-Ghàidheal agus Bòd) • Gail Ros (Gallaibh, Cataibh agus Ros) • Ceit Fhoirbeis (An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach) • Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) • Ridseard Lochhead (Moireabh) • Beatrice Wishart (Sealtainn) |
Buill liosta | Dòmhnall Camshron • Edward Mountain • Jamie Halcro Johnston • Dùghlas Ross • Ariane Burgess • Rhoda Ghrannd • Emma Roddick |