Duolingo
'S e aplacaid foghlam cànain a tha ann an Duolingo.
Chaidh a stèidheachadh le Luis von Ahn agus Severin Hacker ann an 2009 is iad ag obair aig Oilthigh Carnegie Mellon. Tha i a' toirt barrachd air 100 cùrsa ann an 28 cànain.[1]
Duolingo agus a' Ghàidhlig
deasaichRinn Alasdair Allan iomairt airson a' Ghàidhlig nochdadh air an app is i soirbheachail.[2] Anns a' Ghearrain 2020 bha barrachd air 200,000 duine ag ionnsachadh na Gàidhlig air an app sin.[3] Tha mòran duine air fuaim a chlàradh air a shon, mar eisimpleir Joy Dunlop.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Smale, Will: “The man teaching 300 million people a new language”, BBC News. 27mh dhen Fhaoilleach 2020. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
- ↑ “A' Ghàidhlig gu bhith air seirbheis ionnsachaidh air-loidhne eadar-nàiseanta”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
- ↑ “200,000 a-nis a' cleachdadh Duolingo Gàidhlig”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
- ↑ “Oban teacher helps create online Gaelic course”, Oban Times. 11mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “A' Ghàidhlig air Duolingo”. BBC. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.
- “Scottish Gaelic”. Duolingo. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020.