Cataibh
Cataibh | |
Pàrrasan Cataibh ann an dearg[1] | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Cataibh |
Prìomh-bhaile | Dòrnach |
Co-chomharran | 57° 52′ 48.29″ T 4° 1′ 39.74″ I |
Comharradh-clèithe | NH798896 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 5,252 km² |
Àireamh-shluaigh | 12,650 (2011[2]) |
Dlùths | 2.41/km² |
Fios Eile | |
Cànan | Beurla, Gàidhlig, Beurla Gallda |
'S e aon de na Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Cataibh (Beurla: Sutherland).
Ged a tha gu tric Cataibh air "Sutherland" air fad anns an latha a tha ann, gu traidiseanta cha b' e ann an Cataibh ach a' phàirt an ear, le Dùthaich MhicAoidh (no Dùthaich 'Ic Aoidh) air a' phàirt an iar-thuath agus Asaint (no Asainte) air a' phàirt an iar-dheas.
Tha Cataibh ainmeil airson Fuadaich nan Gàidheal ann an 18mh agus 19mh linn. Dh'fhuadaich an Diùc Chataibh agus Padruig Dubh a mòran daoine agus sgrìobh Karl Marx mu a dheidhinn.[3]
Tha am Parbh na àite as tuaithe ann an tìr-mòr na h-Alba.
Anns a' bhliadhna 2011 bha 12,650 duine a' fuireach an seo.
Bailtean
deasaich- Faic cuideachd: Liosta nan tuineachaidhean ann an Cataibh
'S e Dòrnach prìomh-bhaile na sgìre agus an t-aona borgh ann an Cataibh. Seo cuid den na bailtean eile:
Tha Brùra, Bun Ilidh, Dòrnach, Goillspidh agus Luirg faisg air an oirthir an ear, leis am Blàran Odhar agus Tunga air a' chosta a tuath.
Tha trì pàrrasan deug ann an Cataibh.
Cruinn-eòlas
deasaich- Bodach Storr, Am Buachaille, Beinn Hòb, Beinn Laoghail, Beinn Mhór Asaint, Beinn Dearg, Beinn a' Bhragaidh, Beinn Clìbric, Bàgh Shanabhait, Beinn Spionnaidh
- Calbha Beag, Calbha Mór, Caolas Dhòrnaich, A' Chuineag, Canasp, Cùl Mòr, Creag a' Chnocain, Carn Liath (broch), Carrann, Creag a' Chnocain, An Caol Catach, Cona Mheall
- Dùn Dòrnaigil
- Eilean an Róin Mór, Eilean Choraidh, Eilean nan Rón, Eilean Shannda, Eileanan nan Gall, Eas a' Chual Aluinn
- Fionne Bheinn, An Fharaird
- Loch Fleòid, Loch a' Chàirn Bhàin, Loch Sìn, Loch Mheathadaidh, Loch na Claise
- Am Parbh
- Stac Pollaidh, Srath Ilidh
- Uamh an Claonaite
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Naidheachdan 2015-12-16: Dragh mu leasachadh oighreachdan - aithris bhideo, 2:06
Iomraidhean
deasaich- ↑ https://archive.org/stream/imperialgazettee02wilsuoft#page/n837/mode/1up
- ↑ http://www.scotlandscensus.gov.uk/ods-web/standard-outputs.html
- ↑ “The Duchess of Sutherland and Slavery” (Beurla). The People’s Paper. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2017.
Bailtean | Àird Ghaoithe • Brùra • Bun Ilidh • Caisteal Dhùn Robain • Ceann a' Bhràiste • Cinn Donnain • Cùil Rathain • Dail Healabhaig • Diùranais • Fors An-Àird • Goillspidh • Inbhir Sin • Innis nan Damh • Loch an Inbhir • Luirg • Sgìre Raoird |
Cruinn-eòlas | An Caol Catach • Beinn Chlìbric • Beinn Hòb • Beinn Mhòr Asaint • Cona Mheall • Loch Sìn • Am Parbh |
Roinnean | Asaint • Dùthaich MhicAoidh • Srath Nabhair |