Fosgail am prìomh chlàr-taice
Abhainn Nabhair faisg air Achargary

'S e srath na h-Aibhne Nabhair, abhainn ainmeil airson bradain air a ruith o Loch Nabhair dhan chladach a tuath na h-Alba, a th' ann Srath Nabhair (Beurla: Strathnaver).[1] 'S feumalachd eile a th' aig a' theirm mar an t-aimn seann mòr-roinne, cuideachd aithnichte mar Dùthaich MhicAoidh, aon uair a bhuntainn aig Clann Aoidh 's a sgaoileadh thar Cataibh a iar-thuath.

Tha an strath seo ainmeil a chionn 's gun robh fuadaichean ann eadar 1814 agus 1819. Eadhon tha feadhainn ag ràdh gun robh na fuadaichean sin a bu mhiosa ann an Alba riamh.[2]

Bha Padruig Dubh (Patrick Sellar) fo chasaid losgaidh mì-laghail agus dun-mharbhaidh ann an 1816 nuair a dh'fhuadaich e agus loisg e croit anns an robh Mairead NicAoidh, boireannach a bha a' fuireach ann an Strath Nabhair, a dh'eug ach cha do dhìteadh e.[3]

IomraidheanDeasaich

  1. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 109, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Strathnaver(en). www.abandonedcommunities.co.uk. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2017.
  3. Undiscovered Scotland: Margaret MacKay: Biography (Beurla). Air a tharraing 2 dhen Chèitean 2017.