Goillspidh

Suidheachadh
Goillspidh is located in Alba
Goillspidh
Goillspidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Cataibh
Co-chomharran 57° 58′ 12″ Tuath
3° 58′ 12″ Iar
Comharradh-clèithe NC829000
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,290 (2020[1])

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Goillspidh (Beurla: Golspie).[2] Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh air cladach Linne Mhoireibh. Tha e aig cois Beinn a’ Bhragaidh.

Anns a' bhliadhna 2020 bha 1290 duine a' fuireach an seo[1] agus 1407 ann an 2011.[3]

Tha stèisean-rèile aige a bha air fhosgladh 28 an t-Iuchar, 1874. Tha e air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Sgìre Raoird agus Caisteal Dhùn Robain, mu mhìle mu thuath air Goillspidh.[4]

Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo.[5]

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Goillspidh anns na bliadhnaichean 1977 agus 1995.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  2. Golspie/Goillspidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.
  3. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  4. Golspie”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  5. Dorian, Nancy (1978): East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities. Dublin Institute for Advanced Studies. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich