Beinn Hòb
'S e beinn ann an Dùthaich MhicAoidh a tha ann am Beinn Hòb (Beurla: Ben Hope). [1] Tha i faisg air Allt-na-h-Eirbhe agus deas air Tunga. 'S e seo na co-chomharran aice: 58° 24′ 48.78″ Tuath agus 4° 36′ 31.46″ Iar.
Beinn Hòb | |
---|---|
Beinn Hòb | |
Àirde (m) | 927 |
Àirde (tr) | 3,041 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Dùthaich Mhic Aoidh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 9 |
Comharradh-clèithe | NC47765017 |
Tha i 927 meatair (3,041 troigh) a dh’àirde, agus 's e Beinn Hòb a' Bheinn Rothaich as fhaide tuath ann an Alba. Tha an t-ainm a' tighinn bhon seann Lochlannais hóp, agus 's ann bhon fhacal sin a thàinig am facal Gàidhlig òb[2].
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Mhuiseal air an rathad eadar Altnahara agus Òb. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos, agus cha bhithear ga ceangal le beinn eile.[3]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Eriboll, Caolas Thunga, Asaint agus Beinn Chlìbric.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC4761950161
- Beinn Hòb air Munromagic
Iomraidhean
deasaich- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottosh Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 119
- ↑ Beinn Hòb air Walkhighlands